Barrachd loidhnearan an Steòrnabhagh

Caladh Steòrnabhaigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Seo a' bhliadhna as fheàrr a-riamh an Leòdhas airson bàtaichean mòra luchd-turais.

Cha robh a-riamh uiread de bhàtaichean mòra luchd-turais a' tadhal air Steòrnabhagh.

A dh'aindheoin staid na h-eaconomaidh, tha a' mhargaid làidir agus tha turasachd ann an Leòdhas agus na Hearadh a' coimhead gu bheil rudan ùra a ghabhas a thairgse dhan luchd-turais a tha a' tighinn air tìr.

Thuirt Alasdair MacArtair a tha ag obair aig Seirbheisean Loingeis Steòrnabhaigh gur e seo an seusan a b' fheàrr a chunnaic e bho thòisich e anns an obair bho chionn 20 bliadhna.

Bha e ag ràdh, "Tha 34 soitheach air a bhith againn tron oifis ann an seo agus tha dhà no thrì a bharrachd air an sin air a thighinn a-steach."

Thuirt e cuideachd gu bheil an àirde ri 10,000 neach-siubhail air a dhol air tìr ann an Steòrnabhagh, agus gu bheil cùisean a' coimhead math airson na h-ath-bhliadhna.

Thathar a' coimhead ri tursan eadar-dhealaichte a chur air dòigh dhan fheadhainn a thig air tìr cuideachd, mar tursan iasgaich agus tursan dha na h-eileanan beaga.

Tuilleadh air an sgeulachd seo