Eucoir air an tuath

Tractar Image copyright Other
Image caption Cosgaidh tractaran san là an-diugh suas ri £80,000, agus ged nach deach uiread de thractaran a ghoid an-uiridh, bha an fheadhainn a chaill tuathanaich na bu luachmhoire.

Tha eucoir air an tuath air fàs nas cumanta am Breatainn, a rèir na companaidh àrachais NFU Mutual, le barrachd dhaoine a' goid chaorach agus innealan àiteachais.

Tha Aonadh nan Tuathanach (NFU) ag ràdh gun do chaill an eaconamaidh £44.5m an-uiridh ri linn eucoir air an tuath.

Chaidh na h-àireamhan suas 5% an coimeas ri 2012 airson Breatainn gu lèir, ach chunnaic Alba ìsleachadh beag.

Clàran

B' e 2013 a' bhliadhna a bu mhiosa bho thòisich clàran airson daoine a bhith a' goid stuic am Breatainn.

Chaidh falbh le caoraich agus crodh tric an Èirinn a Tuath agus an Sasainn, agus chaidh tairgsean àrachais an-àirde 25%.

Thuirt Raibeart Dòmhnallach bho Aonadh nan Tuathanach: "Feumaidh mi ràdh gu bheil mi mothachail gu bheil e air fàs nas miosa.

"Tha an NFU Mutual a' ruith sgeama air a bheil 'Farm Watch' agus bidh sinn a' faighinn teachdaireachdan teacsa ag innse dè tha dol air adhart air a' Ghàidhealtachd, agus tha fada a bharrachd dhiubh a' tighinn a-staigh a-nise na b' àbhaist," thuirt e.

Carbadan

Tha mèirlich cuideachd air a bhith a' falbh le carbadan.

Cosgaidh tractaran san là an-diugh suas ri £80,000, agus ged nach deach uiread de thractaran a ghoid an-uiridh, bha an fheadhainn a chaill tuathanaich na bu luachmhoire.

Tha am fiosrachadh bhon NFU Mutual cuideachd ag ràdh gu bheil daoine a-nis a' goid seann tractaran, leis gu bheil iad nas fhasa a ghoid, nas fhasa a chàradh, agus gheibh na mèirlich air an reic ann an dùthchannan bochda.

"Na seann tractaran, chan eil 'trackers' is innealan GPS agus gnothaichean mar sin annta, 's chan eil iad cho soirbh fhaighinn nuair a dh'fhalbhas iad," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Innealan

Dh'innis e cuideachd gu bheil prìs an stuic air èirigh o chionn dhà no trì bhliadhnaichean, ga dhèanamh nas tarraingiche do mhèirlich caoraich agus crodh a ghoid.

Ged a chaill mòran dhaoine beathaichean agus tractaran, b' e innealan, baidhsagalan quad agus connadh a bu mhotha a chaidh a ghoid.

Bha eucoir air an tuath an-àirde airson Breatainn air fad, leis an eaconamaidh a' call £44.5m an-uiridh, a rèir an aonaidh.

Bha ìsleachadh an Alba ge-tà, le call de £1.9m an coimeas ri £2m ann an 2012.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile