Miliband a' sireadh na fìrinn

Ed Miliband
Image caption Tha Ed Miliband ann an Glaschu airson òraid a dhèanamh do Sheòmar Malairt na h-Alba.

Tha ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, ag iarraidh air an SNP plana eile ullachadh airson siostam airgid, 's e ag ràdh nach toireadh riaghaltas Làbarach cead do dh'Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh.

Thuirt Rùnaire an Ionmhais an Alba, Iain Swinney, gur e beachd gun tùr a tha sin, agus gum biodh e nas fheàrr do dh'Alba, agus dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte, aonadh-airgid a bhith ann.

A rèir Ed Miliband, bu chòir do Riaghaltas na h-Alba "an fhìrinn innse" mu dè na roghainnean eile a th' aca seach aonadh-airgid eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt e gum biodh "cunnartan mòra" an lùib roghainnean sam bith a thaobh siostam airgid, ma bhòtas Albannaich airson neo-eisimeileachd.

Tha Rùnaire an Ionmhais an Alba, Iain Swinney, air a ràdh gur e "moladh a ghabhas obrachadh" a bhiodh ann a bhith a' stèidheachadh airgeid Albannaich.

Ach tha esan fhathast a' cumail a-mach gun gabhadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri aonadh-airgid.

'Cunnartan mòra'

Thuirt Ed Miliband, 's e ann an Glaschu airson òraid a dhèanamh do Sheòmar Malairt na h-Alba: "Ma tha aonadh-airgid gu bhith agad, feumaidh aonadh poileataigeach a bhith agad cuideachd - feumar a bhith aonaichte mu cho-dhùnaidhean a thaobh chìsean agus cosgaisean, agus a thaobh bancaireachd.

"'S e an rud mu am feum an SNP a bhith fìrinneach, gu bheil cunnartan mòra, cugallachd mhòr, air fàire, ge bith dè an siostam airgid a roghnaicheas iad do dh'Alba neo-eisimeileach.

"Tha mise den bheachd gun tèid an cunnart sin a ghiùlain, chan ann leis na daoine beartach a tha comasach air airgead a ghluasad mun cuairt, ach leis a' chlas-obrach.

"Bu chòir do dhaoine a tha fhathast ri co-dhùnadh ciamar a bhòtas iad san referendum a bhith gu math faiceallach mu dè a dh'fhaodadh seo a bhith a' ciallachadh," thuirt ceannard nan Làbarach.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gum biodh e na b' fheàrr do dh'Alba, agus dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte, aonadh-airgid a bhith ann, ma bhòtas Albannaich airson neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Ach, tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cumail a-mach nach gabhadh iad ris an leithid de dh'aonta, agus tha ceannard nan Làbarach air argamaid nach b' urrainn do dh'Alba an Not a chumail mura fuiricheadh i san RA.

'An roghainn as fheàrr'

Thuirt Iain Swinney gun deach aonadh-airgid a mholadh le coimisean fiosgail a chaidh a chur air chois gus comhairle a thoirt do Riaghaltas na h-Alba.

Image copyright PA
Image caption Thuirt Iain Swinney gum biodh e na b' fheàrr do dh'Alba, agus dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte, aonadh-airgid a bhith ann.

"'S e moladh a ghabhas obrachadh a bhiodh ann a bhith a' stèidheachadh airgid Albannaich, ach mhol an coimisean fiosgail dhuinn nach biodh e cho làidir no cho buannachdail do mhuinntir na h-Alba 's a bhiodh an Not," thuirt e.

Leigeadh an leithid de dh'aonta le Alba "malairt gun strì leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte," thuirt e.

Thuirt Mgr Swinney cuideachd gur e beachd gun tùr a bhiodh ann aonadh-airgid a dhiùltadh, 's nach biodh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson cosgaisean gnìomhachais àrdachadh no cron a dhèanamh air malairt thar chrìche.

Thuirt Mgr Swinnney: "Chan urrainn dhaibh innse dhan luchd-bhòtaidh sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte gu bheilear a' dol a leigeil le muinntir na h-Alba an RA fhàgail gun fhiachan sam bith, gu bheilear a' dol a leigeil leotha cosgaisean bhliadhnail de £5bn a sheachnadh.

"'S ann air sgàth sin a dh'aontaicheas iad ri aonadh-airgid an dèidh neo-eisimeileachd," thuirt e.

Prìobhaideachadh

Le Mgr Miliband ann an Alba, ghabh ministearan na h-Alba an cothrom iarraidh air a' Phàrtaidh Làbarach "an fhìrinn innse" mu bhuidseat an NHS, ag ràdh gun adhbharaicheadh "prìobhaideachadh" ann an Sasainn gearraidhean obrach ann an Alba.

A rèir foirmle Bharnett, thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh gach £10 a dheadh a ghearradh o bhuidseatan Shasainn a' ciallachadh gearradh de £1 ann an Alba.

Thuirt Rùnaire Slàinte na h-Alba, Ailig Neil: "Tha làn-fhios aig Mgr Miliband ciamar a tha Alba air a maoineachadh fo fhèin-riaghladh - feumaidh esan a-nis an fhìrinn innse mun bhuaidh a bhios aig prìobhaideachadh an NHS ann an Sasainn air a' bhuidseat seo.

"B' iad na Làbaraich a bh' ann an oifis nuair a thòisich prìobhaideachadh sa chiad dhol a-mach," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt Slàinte nan Làbarach, Niall Findlay: "'S e an aon dòigh anns am faighear cuidhteas de phrìobhaideachadh ann an Sasainn a bhith a' bhòtadh airson riaghaltais Làbaraich ann an 2015."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile