Cupa na Camanachd fon phrosbaig

An Gearasdan is Ceann a' Ghiuthsaich
Image caption 'S tric a choinnich Ceann a' Ghiuthsaich agus an Gearasdan anns na geamaichean mòra bho chionn beagan bhliadhnaichean, ach cha robh mòran dùil riutha aig an ìre seo de Chupa na Camanachd am-bliadhna.

Thèid Ceann a' Ghiuthsaich an aghaidh a' Ghearasdain Disathairne is na sgiobaidhean a' farpais airson àite sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Aig toiseach an t-seusain, cha bhiodh mòran air sùileachadh gum biodh am paidhir a tha seo san t-suidheachadh seo, ged nach fhada bho bhathas tric a' coinneachadh anns na geamaichean mòra.

Bha an Gearasdan air a dhol sìos bhon Phrìomh Lìog agus iad ag amas air tilleadh air ais suas, fhad 's a bha iad cuideachd a' feuchainn ri sgioba ùr a chruthachadh a bhiodh comasach air a' cheann thall farpais às ùr airson nan duaisean mòra.

Aig an ìre seo, tha iad air an t-slighe gus an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh, ged a bhios an t-uabhas a' crochadh air an dà gheama a th' aca an aghaidh Camanachd an Òbain.

Bha taghadh an ìre mhath fàbharach aca gus an iar-chuairt dheireannach seo a ruighinn - b' iad Ceann Loch Seile an aon sgioba bhon Phrìomh Lìog ris an do choinnich iad, geama a bhuannaich sgioba Loch Abair 1-0.

Cunnartach

Chan eil sin ri ràdh ge-tà, nach e sgioba chunnartach a bhios sa Ghearasdan Disathairne.

Tha Victor Mac a' Ghobhainn is Adhamh Robasdan air measgachadh math a thoirt ri chèile am-bliadhna agus na seann laoich mar Ghordie MacFhionghain, Niall Mac a' Phì is Bryan Simpson a' toirt cuideachdadh is stiùireadh dhan fheadhainn as òige - bràthair Nèill, Arran nam measg.

Gu mì-fhortanach dhan sgioba, cha bhi fear eile de na seann laoich, Garry Innes, ri fhaighinn is obair a' chiùil ga fhàgail anns na Stàitean Aonaichte.

Tha e na dheagh naidheachd dhan Ghearasdan ge-tà, gur ann air a' phàirc aca fhèin aig an Àird a bhios an geama ga chluich.

Coltach ri sgioba a' Ghearasdain, tha Ceann a' Ghiuthsaich cuideachd ag àrach ginealaich ùir de chluicheadairean, a thathar an dòchas a chuireas an cluba air ais aig mullach na spòrs.

Tha cho math 's a tha leithid Savio Genini air a bhith a' cluich a' sealltainn gur dòcha gur e sin a thachras air a' cheann thall.

Taic

Gheibh Genini taic Disathairne ge-tà, is Ceann a' Ghiuthsaich air Raghnall Ros a thoirt air ais dhan chiad sgioba air sgàth an adhartais ann an Cupa na Camanachd.

'S iad a bha airidh an ìre seo a ruighinn, 's iad air Lòbhat is Caol Bhòid a chur a-mach às an fharpais.

Cha do chluich Ros anns na geamaichean sin, ach 's e fìrinn na cùise gur e cluicheadar air leth a th' ann fhathast - ged a tha e a' teannadh ri 40, bheireadh e piseach air sgioba sam bith.

Bha sin follaiseach Dihaoine seo chaidh agus Ros a' cur tadhail agus a' cruthachadh tèile, is Ceann a' Ghiuthsaich a' dèanamh a' ghnothaich 3-2 air Bail' Ùr an t-Slèibh.

Tha coltas air leth làidir air Ceann a' Ghiuthsaich a-nis, eadar lùths is sgil an òigridh agus eòlas nan cluicheadairean a tha beagan nas sine, leithid Tòmas Borthwick, Louis Rothach agus Lee Bain.

Gaisgeach

Leis an t-seann ghaisgeach Ros ga chur ris a sin - 's esan a' faicinn cothrom eile gus Cupa na Camanachd a bhuannachadh ris nach robh e 's dòcha an dùil - tha Ceann a' Ghiuthsaich ann an suidheachadh glè làidir.

Chithear an geama beò air BBC Alba Disathairne bho 4:00f.

Chan eil ach aona gheama sa Phrìomh Lìog is Ceann Loch Seile a' cur fàilte air Caol Bhòid.

Dh'fhàg a' phuing a thog Ceann Loch Seile bho chionn seachdain iadsan an ìre mhath sàbhailte agus nì puing eile cinnteach den sin - gu dearbha, 's e buaidh mhòr do Chaol Bhòid an aon rud a dh'fhosgladh an doras beagan do Loch Abar aig bonn na lìge.

Deasachadh

Bidh a' chiad sgioba aig Camanachd an Eilein Sgitheanaich nan tàmh Disathairne ,'s iad a' deasachadh airson a' gheama mhòir aca fhèin ann an Cupa na Camanachd an aghaidh Ghlinne Urchadain seachdain Disathairne.

'S e là mòr a th' ann dhan dàrna sgioba ge-tà, 's iad a' dol an aghaidh Bhail' Ùir an t-Slèibh sa chuairt dheireannaich de Chupa Shrath Èireann.

Bha seusan doirbh aig dàrna sgioba an eilein am-bliadhna, ach tha cothrom an seo beagan de ghleans a chur air, ged a bhios geama glè dhuilich aca an aghaidh dàrna sgioba a' Bhail' Ùir.

'S ann an Drochaid an Aonachain a bhios an geama sin aig 2:00f Disathairne, a' toirt cothrom dhan fheadhainn a thèid ann a dhol sìos an rathad dhan Ghearasdan às a dhèidh airson geama Chupa na Camanachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile