Briseadh na Foise

Fad cola-deug tha iomairt an reifrinn air a bhith, cha mhòr, na tàmh.

Às dèidh an fhèatha, thig an stoirm.

A-nochd bidh Alex Salmond agus Alistair Darling air an àrd-ùrlar aig Taigh-Chiùil Rìoghail na h-Alba ann am meadhain bhaile Ghlaschu.

'S e seo a' chiad uair a bhios am prìomh mhinistear agus ceannard Nas Fheàrr Còmhla aghaidh ri aghaidh airson na tha air fàire don dùthaich a dheasbad.

Chan eil fhios againn fhathast cò an seinneadar as fheàrr a chòrdas ris an luchd-èisteachd, anns an talla air neo aig an taigh.

Ach tha sinn a' cluinntinn mar-thà dè an seòrsa fuinn a bhios aig gach fear.

Tagradh

Tha sgiopa Mhgr Darling a' dèanamh an dìcheil diofar a dhèanamh eadar an deasbad seo agus an fheadhainn a bha ann ron taghadh choitcheann ann an dà mhile 's a deich.

An uair sin, chaidh an anail a tharraing a-mach às a' chòrr dhen iomairt leis na ciad dheasbadan ceannaird ann am Breatainn a-riamh.

Ach, tha Nas Fheàrr Còmhla a' cumail a-mach nach eil an deasbad seo na thagradh airson dreuchd prìomhaire no prìomh mhinisteir.

Tha iad airson 's gum faicear an deasbad mar chothrom Mgr Salmond a cheasnachadh.

Am bi freagairtean aige do cheistean Mhgr Darling air an Not, peinnseanan agus seirbheisean poblach?

Chan a-mhàin don phrìomh mhinistear a bhios na ceistean ge-tà.

Cothrom

Tha sgioba Mhgr Salmond ag ràdh gu bheil an deasbad seo na chothrom mòr dhaibh na h-argamaid aca airson neo-eisimeileachd a dhèanamh air beulaibh sluaigh mhòir.

Agus, tha iad ag ràdh, mar as motha a chluinneas daoine nan argamaidean sin 's ann as coltaiche a tha iad taic a chur rithe.

Feuchaidh Mgr Salmond ris an uallach a chur air ais air luchd an aonaidh ceistean a fhreagairt iad fhèin, gu sònraichte air na cumhachdan a dh'fhaodadh tighinn gu Alba ma bhòtas sinn na h-aghaidh.

Air dòigh, tha seo nas cudromaiche do luchd Bu Chòir a tha fhathast air dheireadh anns an cunntasan-bheachd.

Mar sin, bhiodh dùil ri sradagan.

An d' fhuair sibh fois cheart? Thèid a briseadh a dh'aithghearr.