Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gàsa

Thuirt Prìomhaire Israel, Benjamin Netanyahu, gu bheil an dùthaich daingeann nan iomairt cur às do thunailean a chaidh a thogail le reubaltaich Phailistinianach fon chrìch eadar Gàsa agus Israel. Thuirt e gun tachradh seo co-dhiù bhiodh fois-fòirneirt ann gus nach bitheadh. Aig a' cheart àm tha Ceannard Chòirichean Daonna aig an UN, Navi Pillay, a rèir aithris a' fàgail air Israel gu bheil iad a' dol a dh'aona-ghnothach an aghaidh laghan eadar-nàiseanta anns an t-sabaid ann an Gàsa.

Càball Bann-Leathainn

Bidh obair ga dèanamh an-diugh gus càbal ùr a chur fon Chuan Sgìth a bheir seirbheis bann-leathainn air leth luath a Leòdhas agus dha na Hearadh. Bheir dàibhearan an càbal air tìr ann an Leòdhas. Tha an obair mar phàirt de phròiseact mhòr gus bann-leathann nas luaithe a thoirt do sgìrean dùthchail ann an Alba.

Nato 's an Ruis

Chuir Rùnaire an Dìon aig Westminster, Mìcheal Fallon, fàilte air aithisg bho Chomataidh an Dìon a tha a' toirt rabhadh nach eil Nato deiseil airson ionnsaigh sam bith a dh'fhaodadh tighinn bhon Ruis. Thuirt a' Chomataidh gum bu chòir dol-a-mach na Ruis anns an Ugràin a bhith mar rabhadh, agus iad ag iarraidh gum bi feachdan deiseil gluasad gu luath, agus gun deadh tuilleadh eacarsaich a dhèanamh eadar dùthchannan Nato air fad. Thuirt Mgr Fallon gu bheil Riaghaltas Bhreatainn mar thà a' cur taic ri sin.

Centrica

Tha prothaidean nan companaidhean Scottish agus Britsh Gas air tuiteam gu mòr. Thuit prothaidean na companaidh - an tè as motha ann an roinn a' chumhachd ann am Breatainn - 26% anns a' chiad leth den bhliadhna. Bha prothaidean Centrica, dham buin iad, sìos 35% gu beagan agus £1bn.

Brùra

Tha 21 chosnadh ga chall ann am Brùra, 's a' chompanaidh Serco a' dùnadh an ionaid aca sa bhaile. Thuirt ceannard na comhairle san sgìre, Deirdre NicAoidh, gur e fìor bhuile a th' ann cosnaidhean a chall aig àm sam bith, ach gu bheil a' bhuaidh nas miosa buileach ann an coimhearsnachd bhig.

Tuath-gaoithe

Chaidh dearbhadh gur ann an Inbhir Ùige a bhios obair-togail stèidhichte airson fear de na tuathan-gaoithe mara as motha san t-saoghal. Thèid a thogail ann an Raon Beatrice ann an Linne Mhoireibh. Tha dùil gun tèid mìltean chosnaidhean a chruthachadh, agus gun cuir e milleanan notaichean a-steach do dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd san fharsainneachd.

Starain Choiseachd

Thug Maoin Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta còrr air £3m do phròiseact gus starain choiseachd a chàradh ann an cuid de na sgìrean as àille an Alba. Gheibh Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, agus Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn 's nan Tròsaichean earrainn den airgead sin. Tha mòran staran ann an droch staid leis na tha de dhaoine gan cleachdadh, agus cuideachd tha iad gam milleadh le uisge trom.