Kerry sa phrìomh 13
- Air fhoillseachadh

Bha Kerry Nic a' Phì an lùib sgioba na h-Alba aig na Geamaichean.
Chrìochnaich Kerry Nic a' Phì anns an 13mh àite ann am farpais nam baidhsagal-beinne aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.
B' i Catharine Pendrel à Canada a choisinn am Bonn Òir, air thoiseach air Emily Batty (Bonn Airgid), cuideachd à Canada, agus Rebecca Henderson à Astràilia (Bonn Umha).
Cuideachd bho sgioba na h-Alba, chrìochnaich Lee Craigie anns an 7mh àite, agus bha Jessie Roberts san 11mh àite.
Chaidh an rèis a chumail air Bruaichean Cathkin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 29 An t-Iuchar 2014