Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gàsa

Thuirt Prìomhaire Israel, Benjamin Netanyahu, gur e ana-cheartas uabhasach a th' ann an càineadh a rinn Comhairle Chòirichean a' Chinne-Daonna aig na Dùthchannan Aonaichte air iomairt Israel ann an Gàsa. Thuirt Ceannard nan Dùthchannan Aonaichte airson Chòirichean a' Chinne-Daonna, a' Bhan-Uasal Amos na bu tràithe an-diugh, gu bheil an t-ionnsaigh Israelach air Hamas a' cur nam Pailistinianach ann an Gàsa ann an èiginn, agus na rudan as bunaidiche mar bhiadh agus uisge a' fàs fìor ghann. Chaidh mu 700 Pailistinianach agus còrr is 30 Israelach a mharbhadh san t-sabaid a thòisich às ùr bho chionn còrr is cola-deug.

An Ugràin

Tha dragh as ùr mu chion tèarainnteachd air an làraich air taobh sear na h-Ugràin far an do thuit am plèana Mailèiseanach an t-seachdain seo chaidh. Fhuair sgioba BBC an làrach anns a' mhadainn an-diugh gun duine faisg air agus gun feansa ga cuairteachadh.

Cead-bhòtaidh

Tha dithis a tha fo bhinn phrìosain ann an Alba a' dol gu Prìomh Chùirt Bhreatainn, agus iad ag iarraidh cead bhòtadh ann an referendum neo-eisimeileachd na h-Alba anns an t-Sultain. Tha Leslie Moohan agus Anndra Gillon a' cumail a-mach gu bheil e a' briseadh an còirichean nach eil cead-bhòtaidh aca. Dhiùlt Cùirt an t-Seisein cead dhaibh dà thuras mar thà.

Crann-gaoithe

Tha Ministreachd an Dìon a' cur an aghaidh iarrtais airson cead-dealbhachaidh do chrann-gaoithe air raon-goilf Àsgarnais ann an Uibhist. Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Dòmhnall Manford, ag ràdh nach eil gnothach aig an MoD ris a' chùis, leis gu bheil e taobh a-muigh na sgìre tèarainnteachd ann an Uibhist.

Tubaistean mu na Cladaichean

Bha 39 bàs ann an tubaistean mu chladaichean na h-Alba an-uiridh, a rèir Institiùd Rìoghail Nàiseanta nam Bàtaichean Teasairginn. Ghlèidh na bàtaichean agus criutha 27 beatha, agus rinn iad cobhair a bharrachd air sin air 1,014 duine.

Marine Harvest

Chuir an Coimisean Eòrpach càin faisg air £16m air Marine Harvest airson riaghailtean farpais a bhriseadh. Ghabh Marine Harvest thairis companaidh ghiollachd èisg Morpol mus tug na h-ùghdarrasan Eòrpach cead dhaibh. Tha Marine Harvest a' beachdachadh air tagradh anns na cùirtean Eòrpach.