Togail do thurasachd anns na h-Eileanan Siar

Fèis Cheilteach Innse Gall Image copyright Handout
Image caption Tha Fèis Cheilteach Innse Gall am measg na tha a' tàladh luchd-siubhail dhan na h-Eileanan Siar.

Tha VisitScotland ag ràdh gu bheil na h-Eileanan Siar a' faighinn buannachd bho àireimh mhòir de luchd-turais am-bliadhna.

'S e Feìs Cheilteach Innse Gall, a chaidh a cumail an t-seachdain seo chaidh, aon de na tachartasan mòra a tharraing tòrr luchd-turais.

Tha dùil gun do thadhail mu 14,000 duine air an fhèis am-bliadhna.

Tha VisitScotland cuideachd a' dèanamh dheth gu bheil gnothach aig "Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh", a th' air a comharrachadh am-bliadhna, ri cho math 's a tha seusan na turasachd air a bhith.

Laithean-saora nas fhaide

Thuirt Alasdair Lockett bho VisitScotland gu bheil cuid de luchd-frithealaidh na fèise a' roghnachadh ùine nas fhaide a chur seachad anns na h-Eileanan, agus gur ann a tha sin gu buannachd na sgìre.

"Tha sinn a' faicinn tòrr dhaoine a' siubhail a Leòdhas taobh an Eilein Sgitheanaich, tro na Hearadh - agus tha na h-àitean sin cuideachd a' faighinn buannachd às," thuirt e.

Thuirt e gum bi mòran dhaoine a' tighinn a-steach gu oifisean turasachd nan Eilean a' faighneachd mu na làraichean eile air am faodadh iad tadhal fhad 's a tha iad anns na h-Eileanan.

Tha an fheadhainn a tha a' cur air dòigh Fèis Cheilteach Innse Gall mar-tha a' coimhead air adhart gu fèis na h-ath-bhliadhna - am ficheadamh turas a thèid an tachartas a chumail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile