Trioblaid fòn anns na h-Eileanan an Iar

Meadhan baile Steòrnabhaigh Image copyright BBC (le cead bho Undiscovered Scotland)
Image caption Tha daone a' gearain mu thrioblaidean leis an eadar-lìon agus le fònaichean.

Tha BT ag ràdh gur ann san ionad aca ann an Geàrrloch a nochd trioblaid a chur maill air siostaman fòn agus eadar-lìn anns na h-Eileanan Siar.

Thathar a' tomhais gun do chaill mu 3,000 de luchd-cleachdaidh BT an ceangal eadar-lìn aca air sgàth na trioblaid.

Thug an trioblaid buaidh cuideachd air siostam coimpiutaireachd na companaidh aiseig, Caledonian Mac a' Bhriuthainn, a' fàgail gur e airgead a-mhàin a dh'fhaodadh luchd-obrach a ghabhail bho dhaoine a bha a' ceannach thiceadan agus nach robh air na h-àiteachan aca a chur air dòigh ro-làimh.

Tha BT air leisgeul a thabhainn air daoine a chaill na seirbheisean aca agus thuirt iad gur e trioblaid san ionad aca ann an Geàrrloch a thug buaidh air a' cheangal rèidio aca le Steòrnabhagh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile