Balach air a thoirt a-mach à gainmhich sna Hearadh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Geograph/Mike O'Shea
Fo-thiotal an deilbh, Bha an gille a' cluich air an tràigh nuair a chaidh e sìos dhan ghainmhich ann an Scarastadh.

Chaidh cobhair a dhèanamh air gille, 13, a chaidh a ghlacadh fo ghainmhich anns na Hearadh feasgar Diciadain.

Bha an gille a' cluich air an tràigh nuair a chaidh e sìos dhan ghainmhich ann an Scarastadh.

Chaidh fios air maoir-chladaich à Steòrnabhagh agus an Tairbeart airson cobhair a dhèanamh air.

Thog heileacoptair nam Maor-Cladaich gu ruige Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh e, far a bheil e a' faighinn thairis air na thachair.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh