Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis

Fosglaidh a' Bhànrigh Geamaichean a' Cho-Fhlàitheis ann an Glaschu a-nochd. Bidh 40,000 duine aig a' chuirm mhòir aig Pàirce Celtic. Mairidh na Geamaichean fhèin 11 là, le còrr is 4,000 farpaiseach a' gabhail pàirt, à 71 diofar dùthaich agus tìr.

Plèana

Falbhaidh plèan à Kharkiv san Ùgrain an-diugh, gu ruige na h-Òlaind, le cuirp a' mhòr-chuid a chaill am beatha nuair a thuit am plèan Malaisianach air taobh sear na h-Ùgrain an t-seachdain seo chaidh. Tha là caoidh anns an Òlaind dhan 298 a chaill am beatha, cha-mhòr 200 dhiubh sin a bhuineadh dhan Òlaind. Thàinig na bogsaichean-clàraidh dubha bhon phlèan a Bhreatainn an-diugh. Nì Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair aig Farnborough ann an Hampshire sgrùdadh orra.

Camshron

Tha a' chomataidh ann an Taigh nan Cumantan a tha a' cur smachd air reic armachd, a' sgrìobhadh chun a' Phrìomhaire, Daibhidh Camshron, a' faighneachd carson a tha còrr is 200 cead an àite fhathast airson armachd a reic ris an Ruis. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' càineadh dhùchannan Eòrpach eile a tha fhathast a' reic innleachd airm ris an Ruis. Thuirt Sràid Downing nach eil Breatainn a' toirt armachd de sheòrsa sam bith dha na Ruiseanaich.

Israel

Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, ann an Israel a' feuchainn ri stad a chur air an t-sabaid eadar Israel agus a' bhuidheann Hamas, ann an sgìre Ghàsa. Coinnichidh Mgr Kerry ri Àrd-Rùnaire a' UN, Ban Ki-Moon, Ceann-Suidhe nam Palaistinianach, Mahmoud Abbas, agus Prìomh Mhinistear Israel, Benjamin Netanyahu.

MV Loch Seaforth

Chan eil cinnt ann cuin a thòisicheas am bàt'-aiseig ùr, an Loch Seaforth, eadar Steòrnabhagh agus Ulapul agus dàil air a togail anns a' Ghearmailt. Tha e coltach gu bheil maill air a bhith a' cur an uidheamachd eleactronaigeach dhan bhàta ùr. Bidh deireadh an t-Sultain ann mus fhaigh Caledonian Mac a' Bhriuthainn an t-soitheach, agus feumaidh i an dèidh sin a dhol tro na deuchainnean mara.

Sgoiltean

Tha comhairlichean ann an Uibhist a Deas is Barraigh a' gearain air cho beag fiosrachaidh 's a tha oifigich na Comhairle a' cumail riutha nuair a tha co-dhùnaidhean cudromach aca ri dhèanamh mu sgoiltean. Thàinig seo am follais an dèidh cead a dhiùltadh do phàrantan an cuid chloinne a chur gu Bun-sgoil Eolaigearraidh ann am Barraigh. Tha na comhairlichean ag ràdh gur ann an dèidh làimh a fhuair iad a-mach nach robh am fiosrachadh gu lèir aca nuair a ghabh iad an co-dhùnadh sin.