Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Plèana

Ràinig trèana, air a bheil cuirp a' mhòr-chuid a bh' air a' phlèana Mhalaisianach, baile Kharkhiv air taobh sear na h-Ùgrain, a tha fo smachd Riaghaltas na h-Ugràin. Thèid an trèana an uair sin air adhart dhan Olaind, an dùthaich dham buineadh cha-mhòr 200 den fheadhainn a chaill am beatha. Tha ministearan cèin an Aonaidh Eòrpaich sa Bhruiseal an-diugh a' deasbad tuilleadh chasg-bhannan air an Ruis, a tha a' cur an taic ris na reubaltaich air a bheil mòran a' cur coire airson bàs faisg air 300 duine a bh' air an itealan.

Litvinenko

Dh'innis Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, gum bi rannsachadh poblach ann mu bhàs an fhir-brathaidh Alexander Litvinenko, a theich bhon Ruis, agus a chaidh a phuinnseanachadh le polonium ann an Lunnainn. Bidh an rannsachadh a' faighneachd an robh ceangal aig an stàit anns an Ruis ri bàs Mhgr Litinenko ann an 2006. Chaidh an Riaghaltas às àicheadh gun do sgaoil iad am fiosrachadh a dh'aona-ghnothaich aig an àm seo, nuair a tha eas-aonta ann ris an Ruis mun t-suidheachadh anns an Ugràin.

Gàsa

Chaidh aithris gun do rinn itealain cogaidh Israelach sgrios tron oidhche air na h-uimhir de mhosques ann an Gàsa, agus air dachaigh fear a bha na cheannard air Hamas. Thuirt oifigich Palaistinianach gun deach 13 duine a mharbhadh a-raoir, a' toirt na h-àireamh gu lèir ann an Gàsa gu 584 bhon a thòisich an t-sabaid às ùr bho chionn coa-deug. Thuirt Israel gun deach dithis de na saighdearan acasan a mharbhadh a-raoir.

Airgead

Tha an Seansalair, Seòras Osborne, ann an Glaschu an-diugh far an ainmich e £18m de thaic-airgid do dh'ionad ùr saidheans agus ionad-malairt ùr. Thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, gu bheil an t-airgead seo a' cur ri £1bn a tha Riaghaltas na h-Alba air cuir an sàs mar-thà ann an ospadal ùr an Southern General ann an Glaschu.

Sgudal niuclasach

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gum biodh e mì-choltach connadh caithte bho Ionad Niuclasach Dhùn Ratha a chur tron Chuan Sgìth. Tha plana aig an ùghdarras airson briseadh ionadan niuclasach, fon deadh sgudal reidio-beò à Dùn Rath a chuir deas gu Sellafield ann an Cumbria. Thuirt Aonghas Caimbeul gu bheil slighe mara, tron Chuan Sgìth, far nach eil bàta-slaodaidh tuilleadh, a' cur dragh air an ùghdarras ionadail.

Batan

Tha batan na Bànrigh air an earrainn mu dheireadh den t-slighe an-diugh, air taobh a deas Ghlaschu, mus tòisich Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis anns a' bhaile a-màireach. Thadhail am batan air a h-uile tè de dhùthchannan a' Cho-Fhlaitheis, 71 dhiubh uile gu lèir, bhon a dh'fhàg e Lùchairt Bhuckingham anns an Dàmhair an-uiridh.