Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Thuirt Prìomhaire na h-Ugràin, Arseniy Yatsenyuk, gu bheil dearbhadh aige gun d' fhuair reubaltaich trèanadh anns an Ruis airson urchairean a losgadh den t-seòrsa a thug a-nuas am plèana Mailèisianach anns an deach 299 duine a mharbhadh. Thuirt e gun d' fhuair iad 272 de na cuirp sin, agus gu bheil iad air mu 250 dhiubh a chur air trèana. Thuirt e gu bheil an Ugràin deònach an trèana sin a chur dhan Òlaind airson sgrùdadh air na cuirp, ach nach leig na reubaltaich leotha. Agus thuirt e gu bheil an Ruis a' cur taic ris an eucoir.

Gàsa

Tha ionnsaighean Israelach a' dol air adhart ann an Gàsa a dh'aindeoin agus Comhairle Thèarainnteachd nan Dùthchannan Aonaichte fois iarraidh bhon t-sabaid. Chaidh còrr is 500 Pailistinianach a mharbhadh bho thòisich an t-sabaid às ùr bho chionn cola-deug. Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, a' dèanamh air an Èipheit, a dh'fheuchainn ri aonta a dhèanamh ris an gabh gach taobh.

Aonadh Airgid

Thuirt an SNP nach eil brìgh sam bith ann an aithisg bho Chomataidh nan Cùisean Albannach ann an Westminster a thuirt nach eil dòigh ann air am bitheadh aonadh airgid eadar Alba neo-eisimeileach agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte. Thuirt an aithisg gu bheil na trì prìomh phàrtaidhean poileataigeach ann an Westminster ag ràdh nach biodh aonadh airgid ann.

Tesco

Dh'innis Tesco gu bheil an t-àrd-oifigear, Philip Clarke, a' fàgail a dhreuchd, agus gun tig Dave Lewis, a tha an-dràsta ann an àrd-dhreuchd aig Unilever, na àite. Tha Tesco air a bhith a' fulang bho chionn ghoirid eadar prothaid nas lugha, agus iad a' reic nas lugha stuth.

Seach-rathad an Iar Inbhir Nis

Thèid aithisg gu Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh bheachdan air dè bu chòir dhan ùghdarras ionadail a dhèanamh ann an strì laghail ri Tesco. Tha a' Chomhairle a' cumail a-mach gun do dh'aontaich Tesco faisg air £350,000 a chur ris na chosgadh e seach-rathad a thogail air taobh siar Inbhir Nis. Ach tha Tesco ag ràdh nach pàigh iad sin, oir nach deach an rathad a thogail anns an ùine a chaidh aontachadh.

Rathaidean Ghlaschu

Tha buaidh Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis, a dh'fhosglas gu h-oifigeil an earrar, ri faicinn air rathaidean Ghlaschu bho an-diugh. Chaidh earrainnean den Chlydeside Expressway, 's an M8 aig Drochaid Khingston, gu bhith dùinte dhan mhòr-shluagh fad nan geamaichean, gun chead air an cleachdadh ach aig lùth-chleasaichean agus oifigich. Thèid càin £50 air dràibhearan a bhristeas na riaghailtean, agus ma thèid càr fhàgail orra gun chead thèid a thoirt air falbh agus cosgaidh e £150 airson fhaighinn air ais.