Plana airson aonadh-airgid na "phitheid mharbh"

Airgead Image copyright Getty Images
Image caption Ann an aithisg ùr, dh'iarr Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster air ministearan ann an Dùn Èideann plana eile airson airgead na dùthcha a mhìneachadh ron referendum.

Cha b' urrainn do Sheansalair Breatannach sam bith leigeil le Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh gun a chreideas fhèin a chall.

Tha sin a rèir Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster.

Cho-dhùin Buill-Phàrlamaid nach b' urrainn do Sheansalair sam bith aontachadh an-dràsta, no san àm ri teachd, ri aonadh-airgid le Alba neo-eisimeileach, gun an cliù poileataigeach agus eaconamach a mhilleadh.

Ann an aithisg ùr, dh'iarr Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster air ministearan ann an Dùn Èideann plana eile airson airgead na dùthcha a mhìneachadh ron referendum.

Shamhlaich iad plana an Riaghaltas Albannaich ri "pitheid mharbh", ag ràdh gum bu chòir do dh'Alba neo-eisimeileach airgead ùr Albannach a stèidheachadh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba ge-tà, nach robh an aithisg aca ach leibideach agus gum bitheadh aonadh-airgid ann.

Aonadh-airgid

Tha na trì pàrtaidhean as motha aig Wesminster uile ag ràdh nach gabhadh iad ri aonta gus an Not a chleachdadh mu thuath agus mu dheas, ma bhòtas Albannaich airson neo-eisimeileachd.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil ann an sin ach cleas airson an referendum a bhuannachadh, agus gun atharraich iad am beachd às dèidh na bhòt.

Ach tha a' Chomataidh aig Westminster air a ràdh gu bheil iad ann an da-rìribh agus mar sin, tha iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba sùil a thoirt air cleachdadh an Not às aonais aonta.

Tha iad a-nis a' gabhail ris gun gabhadh sin a dhèanamh ach tha iad ag ràdh, nan tachradh sin, nach biodh smachd sam bith aig Alba air poileasaidh airgid, poileasaidh iomhais agus gu sònraichte, gnothaichean cudromach leithid ìre an rèidh.

Thuirt labhraiche a' Phrìomh Mhinisteir gun robh an aithisg truagh agus gun cumadh Alba an Not.