A' comharrachadh dà mhìos ron referendum

Brataichean Image copyright AP
Image caption Le dà mhìos ri dhol ron bhòt, tha an dà thaobh den deasbad a' cur am beachdan an cèill.

Le dà mhìos ri dhol ron bhòt air neo-eisimeileachd na h-Alba, tha Alasdair Moireasdan agus Alasdair Allan air a bhith a' cur am beachdan an cèill agus ag innse na tha romhpa eadar seo agus an 18mh là den t-Sultain.

Bu Chòir

Dh'innis BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil an luchd-bhòtaidh air a bhith ga cheasnachadh barrachd is barrachd.

Image caption Alasdair Allan, Bu Chòir

Am measg nan ceistean as trice a tha a' nochdadh, tha "Dè a thachras ma bhòtas Alba an aghaidh neo-eisimeileachd?" agus "Dè a thachras mura bi sinn a' cleachdadh an Not?"

"Gun teagamh, tha na daoine a tha an aghaidh neo-eisimeileachd, mar na Tòraidhean, a' dèanamh a-mach nach biodh an Not aig Alba.

"Ach chan ann le Sasainn, no le aon phàirt den Rìoghachd Aonaichte a tha an Not agus bidh an dà dhùthaich a' cleachdadh an Not às dèidh neo-eisimeileachd," thuirt e.

Fianais

Le grunn luchd-bhòtaidh fhathast gun co-dhùnadh dè an taobh a bhòtas iad, thuirt Mgr Allan gur e an aon teachdaireachd a th' aig Bu Chòir 's a bh' aca a-riamh.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Alasdair Allan a' beachdachadh gu bheil na cunntais-bheachd a' gluasad.

"An adhbhar a tha daoine a' tighinn gu co-dhùnadh gur e Bu Chòir am freagairt cheart, 's e air sgàth 's gu bheil am fiosrachadh aca.

"Tha sinne a' bruidhinn ri daoine mu dheidhinn fianais; an fhianais a th' ann gu bheil na dùthchannan as beartaiche san t-saoghail - seachd a-mach à deich dhiubh - nan dùthchannan dìreach cho mòr no nas lugha na Alba.

"Nuair a tha fianais aig daoine, tha iad a' tighinn chun a' cho-dhùnaidh gu bheil e ceart gu bheil cumhachd agus smachd aig muinntir na h-Alba," thuirt e.

Beàrn

Dh'aidich am BPA gu bheil obair fhathast ri dhèanamh agus gur ann air sgàth sin a tha esan a' dèanamh oidhirp a dhol a-mach a bhruidhinn ris an t-sluagh.

"Tha mi a' smaoineachadh ann an dòigh gur e sin an diofar eadar an dà iomairt; tha iomairt Bu Chòir a' bruidhinn ri daoine agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil an taobh eile dìreach a' cleachdadh nan caraidean a th' aca anns na pàipearan-naidheachd agus mar sin.

Leis gu bheilear a' bruidhinn ris an t-sluagh, bheachdaich Mgr Allan gu bheil ùidh nas làidire 's nas làidire aig daoine ann an ceistean leithid: Carson a tha Alba air a ruith mar a tha i an-dràsta?; Carson a tha sinn a' cosg airgid air armachd niuclasaich?; Carson a tha bancaichean-bìdh ann an Alba?; agus Carson nach eil cumhachd aig Alba?

Nas Fheàrr Còmhla

A rèir nam pàipearan-naidheachd, tha am beàrn eadar Nas Fheàrr Còmhla agus Bu Chòir air dùnadh beagan, le Làbaraich mheadhan na h-Alba, mean air mhean, a' gluasad gu ruige Bu Chòir.

Image caption Alasdair Moireasdan, Nas Fheàrr Còmhla

A' riochdachadh Nas Fheàrr Còmhla, thuirt Alasdair Moireasdan: "'S e an rud mu dheidhinn cunntais-bheachd, 's e faicinn dè am fasan a th' ann, dè na seòrsachan trends a th' ann.

"Tha na trends a' sealltainn bho thòisich an deasbad a tha seo o chionn iomadach bliadhna, gu bheil sinne ann an suidheachadh, nam biodh an referendum ann an-diugh, gum buannaicheadh sinn.

"Chan eil adhbhar againn smaoineachadh gum bi co-dhùnadh eadar-dhealaichte ann dà mhìos bhon diugh."

Luchd-gnìomhachais

Le grunn luchd-bhòtaidh fhathast gun co-dhùnadh a dhèanamh mu mar a bhòtas iad, tha Mgr Moireasdan a' moladh dhaibh èisteachd ri eòlaichean leithid dhotairean na h-Alba, luchd-cunntais na h-Alba, acadaimigich a tha a' ruith nan oilthighean, agus luchd-stiùiridh nan gàrraidhean iarrainn, am measg eile.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Alasdair Moireasdan a' bruidhinn mu bhuidhnean a tha a' toirt taic don iomairt.

"Tha iad a' riochdachadh nam mìltean thar mhìltean de luchd-obrach - daoine a tha ann an cosnadh agus a tha dha-rìribh a' pàigheadh chìsean.

"Na daoine nach eil air an inntinn a dhèanamh suas fhathast, tha sinn ag iarraidh orra a bhith a' leughadh agus ag èisteachd, chan e ri luchd-poileataigs a-mhàin, ach ri daoine a tha mion-eòlach air na gnìomhachasan sin.

"Mar eisimpleir, dotairean - tha 93% dhiubh ag ràdh gu bheil seirbheis na slàinte againn ann an Alba nas seasmhaich agus nas cinntiche ma dh'fhuiricheas sinn mar aon dùthaich."

Deasbad nan Nàiseantach

Le dà mhìos ri dhol, tha cuid de mhuinntir na dùthcha a' cumail a-mach nach eil an deasbad a' gluasad air adhart.

Thuirt Mgr Moireasdan nach e an deasbad aig Nas Fheàrr Còmhla a th' ann an seo idir.

"Seo agad an deasbad aig Ailig Salmond - tha e air a bhith ag obair air airson 40 bliadhna, agus tha an SNP air a bhith ag obair air airson 80 bliadhna.

"'S e an aon duan a tha sinn air a bhith a' faighinn, ach tha e follaiseach nach eil an t-sruth leotha.

"Nam biodh iadsan dha-rìribh a' dol a bhuannachadh an referendum a tha seo, bhiodh iad air thoiseach anns a h-uile cunntais-bheachd, chan e tè no dhà an siud 's an seo," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile