Corp ga fhaighinn o chàr a chaidh leis a' chreig

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Robert MacDonald
fo-thiotal an deilbhAir madainn Diardaoin, thugadh sgioba de dhàibhearan nam poileas chun na làraich, 's chaidh aca air corp a thoirt às.

Lorg dàibhearan bhon phoileas corp ann an carbad a chaidh còrr is 200 troigh leis a' chreig air taobh tuath Ghallaibh.

Chaidh heileacoptair nam maor-cladaich agus bàta-teasairginn a ghairm gu Dun Gasbaith feasgar Diciadain, an dèidh do neach-turais innse gum faca e càr san uisge aig bun na creige aig Ceann Donnchaidh.

A dh'aindeoin gach oidhirp, cha do shoirbhich le bàta-teasairginn Inbhir Ùige faighinn chun an sprùillich, 's chaidh an iomairt a thoirt gu crìch air oidhche Chiadain.

Ged a chunnacas bodhaig duine sa chàr, thathas a' tuigsinn gun robh e follaiseach nach robh e beò.

Air madainn Diardaoin, thugadh sgioba de dhàibhearan nam poileas chun na làraich, 's chaidh aca air corp a thoirt às.

Chaidh an corp a thoirt a dh'Inbhir Ùige leis a' bhàta-teasairginn.

Thuirt feadhainn a chunnaic na thachair, gun do dhràibh an duine thairis air feurach faisg air taigh-solais Chinn Dhonnchaidh, 's gun deach e tro fheansa, mus deach e còrr is 200 troigh leis a' chreig.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh