Taic do neo-eisimeileachd bho sheann Làbarach

Peter Kilfoyle
Image caption Bha Mgr Kilfoyle a' bruidhinn air thoiseach air òraid Ailig Salmond ann an Liverpool.

Nochd fear a bha roimhe na Mhinistear ann an Riaghaltas Làbarach aig Westminster a thaic do neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Dh'innis Peter Kilfoyle don BhBC gun robh e cudromach do dh'Alba agus do roinnean Shasainn an smachd a th' aig Lunnainn air an dùthaich a lagachadh.

Bha Mgr Kilfoyle roimhe a' riochdachadh Liverpool Walton dha na Làbaraich, agus bha e a' bruidhinn air thoiseach air òraid Phrìomh Mhinisteir na h-Alba, Ailig Salmond, ann an Liverpool.

Tha am Pàrtaidh Làbarach a' cur an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba, agus iad ag ràdh gum bu chòir do luchd-bhòtaidh an Alba cuideachadh le bhith a' tilleadh Riaghaltais Làbaraich ann an Westminster aig an ath-thaghadh choitcheann.

Dòchasach

Ach tha Mgr Kilfoyle a' cur air adhart beachd gu bheil na Làbaraich an aghaidh neo-eisimeileachd air sgàth 's gu bheil iad airson buill den phàrtaidh aca ann an Alba a ghleidheadh aig Westminster.

Thuirt e cuideachd gun robh argamaidean luchd-taic neo-eisimeileachd air a bhith gu math "deimhinneach, dòchasach" an taca ri "ao-dòchas" na h-iomairt airson an Aonaidh.

"Tha an gnothach seo nas motha na pàrtaidh poileataigeach sam bith. 'S ann mu dheidhinn amasan dùthcha a tha e, agus 's e sin as cudromaiche dhomhsa. Bheir neo-eisimeileachd, gu bunaiteach, an cothrom do dh'Albannaich an cuid cho-dhùnaidhean a dhèanamh dhaibh fhèin, gun smachd Lunnainn.

"Mar as luaithe a dh'aithnicheas daoine gu bheil mar a tha cumhachd san dùthaich seo a' tighinn bhon mheadhan, 's gu bheil sin ag obair an aghaidh maith dhaoine ann an roinnean Shasainn, a thuilleadh air dùthchannan Bhreatainn, 's ann as fheàrr dhuinn uile."

Trèigsinn

Leig Mgr Kilfoyle dheth a dhreuchd mar fo-mhinistear aig Roinn an Dìon ann an Riaghaltas Tony Blair, 's e ag ràdh gun robh am pàrtaidh "air an cuid fhreumhaichean a thrèigsinn".

Rinn e càineadh air an Riaghaltas Làbarach bho na cùl-bheingean, gus an do leig e seachad a dhreuchd mar Bhall-Pàrlamaid air thoiseach air an taghadh ann an 2010.

Chuir Ailig Salmond fàilte air beachd Mhgr Kilfoyle, agus e a' toirt seachad na h-òraid mu dheireadh aige ann an Sasainn air thoiseach air an referendum san t-Sultain.

"'S e laoch Làbarach a th' ann am Peter Kilfoyle, agus 's e duine a th' ann dha bheil spèis aig mòran," thuirt Mgr Salmond.

"'S e taic mhòr a tha seo do neo-eisimeileachd, agus tha e a' sealltainn gu bheil neo-eisimeileachd a' tighinn a rèir bheachdan traidiseanta nan Làbarach.

"Tha Peter a' tuigsinn gu bheil na tha a' tachairt ann an Alba na mheadhan airson atharrachaidh ann an àiteachan eile. Tha grunn àrd-Làbarach a-niste a' toirt taic do neo-eisimeileachd."

Fòram eaconamach

Na òraid feasgar Diardaoin, a chaidh a chur air dòigh leis a' phàipear-naidheachd an FT, thuirt Mgr Salmond gu bheil neo-ionnanachd san RA air fàs gu h-uabhasach fo riaghladh Westminster.

Thuirt e gun cuidicheadh neo-eisimeileachd do dh'Alba le bhith a' cur an aghaidh sin, agus a' cruthachadh cuideam eaconamaich sa cheann a tuath, seach ann an Lunnainn a-mhàin, a chùm buannachd Bhreatainn air fad.

"'S ann san RA a tha na h-ìrean neo-ionnanachd roinneil as motha san Aonadh Eòrpach," thuirt Mgr Salmond.

Image copyright PA
Image caption Chuir Ailig Salmond fàilte air beachd Mhgr Kilfoyle, agus e a' toirt seachad na h-òraid mu dheireadh aige ann an Sasainn air thoiseach air an referendum san t-Sultain.

"Bidh neo-eisimeileachd na h-Alba na eisimpleir làidir do dhaoine ann an sgìrean eile den RA, a tha a' sireadh dòigh air an siostam a th' ann atharrachadh; a tha ag iarraidh modal fàis fhaicinn a tha nas cothromaiche, nas seasmhaiche, agus nas làidire na am modal a th' aig Westminster.

"Deireadh na 19mh Linne, agus toiseach na 20mh Linne, bha cumhachd susbainnteach poileataigeach agus eaconamach aig Liverpool, agus bailtean eile leithid Manchester, Birmingham, Leeds agus an Caisteal Nuadh.

"Bho 2007, tha eaconmaidh Lunnainn air fàs a dhà uiread cho luath ri eaconamaidh a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte."

Thuirt Mgr Salmond nach tigeadh dad a bha Riaghaltas na RA a' moladh faisg air a bhith a' dèiligeadh ri meud na trioblaid sin.

Thuirt e cuideachd gum biodh cuireadh aig ùghdarrasan ionadail agus buidhnean gnothachais ann an ceann a tuath Shasainn an dèidh neo-eisimeileachd pàirt a ghabhail ann am fòram eaconamach Albannach, feuch an eaconamaidh ath-chothromachadh.

Troimh-a-chèile

A' freagairt na thuirt Mgr Kilfoyle, thuirt Tom Greatrex, a tha na BhP Làbarach airson an Ruadh-Ghlinn agus Hamilton an Iar: "Gu mì-fhortanach, is coltach gu bheil Peter Kilfoyle troimh-a-chèile a thaobh fèin-riaghladh agus dì-mheadhanachadh am broinn na RA, agus sgaradh bhon RA.

"Sgaoil am Pàrtaidh Làbarach cumhachd do dh'Alba nuair a stèidhich sinn Pàrlamaid na h-Alba, nuair a sgrìobh sinn Achd na h-Alba (2012), agus leanaidh sinn oirnn a' sgaoileadh chumhachd do nàiseanan, roinnean is bailtean mòra na RA an dèidh dhuinn an taghadh coitcheann ann an 2015 a bhuannachadh. A' sgaoileadh am broinn aonaidh choitchinn a bheir taic do choimhearsnachdan air feadh na RA.

"'S e sin na dh'iarradh gu leòr de dhaoine ann an Sasainn fhaicinn, Mèar Liverpool Joe Anderson nam measg.

"Is coltach gu bheil Peter Kilfoyle ag iarraidh an aon rud, gun a bhith a' tuigsinn mar a tha Ailig Salmond iar cumhachd a tharraing chun a' mheadhain bho 2007, a tha a' sealltainn nach eil ùidh aig na Nàiseantaich ann an sgaoileadh chumhachd."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile