Sgitheanaich troimhe an Cupa na Camanachd

Cupa na Camanachd Image copyright Neil G Paterson
Image caption 'S iad An t-Eilean Sgitheanach, Ceann a' Ghiuthsaich, Gleann Urchadain is An Gearasdan a tha air fhàgail ann an Cupa na Camanachd.

Bidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich san taghadh Diluain airson na h-iar-chuairtean deireannach de Chupa na Camanachd, às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Cill Mhàillidh 4-1.

'S e seo a' chiad turas aig na Sgitheanaich aig an ìre seo den fharpais bho 2000, nuair a chaill iad an aghaidh Chaol Bhòid air slaicean-peanais.

Cha robh coltas cho teann idir air a' gheama an aghaidh Chill Mhàillidh, aig Pàirc nan Laoch, 's na Sgitheanaich a' dol 3-0 air thoiseach taobh a-staigh leth uair a thìde, na tadhail a' tighinn bho Jordan MacCalmain (3, 17) is Shockie MacIllFhinnein (27).

Thàinig dòchas, gu ìre air choireigin, gu Cill Mhàillidh le tadhal tràth san dàrna leth bho Màrtainn Rothach, ged a bha beachd làidir ann gur ann air Niall MacBhiocair aig sgioba an eilein a bhuail am ball mu dheireadh mus deach e dhan lìon.

Chaill sgioba Loch Abair smachd orra fhèin mar a chaidh an geama air adhart is Peadar MacIlleMhìcheil agus Mìchael Rodger gan cur dheth às dèidh aimhreit aig òir na pàirce.

Sònraichte

Chuir Jordan MacCalmain an uair sin crìoch air a' ghnothach leis an treas tadhal aige den fheasgar, 's na Sgitheanaich troimhe air là sònraichte dhan chluba.

Cha robh fiù 's mionaid air a chluich nuair a chaidh Ceann a' Ghiuthsaich air thoiseach air Caol Bhòid, an tadhal a' tighinn bho Savio Genini.

Thàinig an uair sin ionnsaigh às dèidh ionnsaigh bho bhalaich Thaigh na Bruaich, ach eu-coltach ris a' chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach bho chionn seachdain, cha b' urrainn dhaibh am ball a chur dhan lìon.

Sheas Ceann a' Ghiuthsaich gu làidir, is Lee Bain gu sònraichte math aig a' chùl, 's iad troimhe 1-0 air a' cheann thall.

Ann an Druim na Drochaid chaidh Inbhir Aora air thoiseach 1-0 air Gleann Urchadain fìor thràth, Lewis MacNeacail leis an tadhal.

Làmh an uachdar

Bha làmh an uachdar aig balaich Earra-Ghàidheal is bha còir aca co-dhiù tadhal eile a chur, Grant Griffin gu sònraichte le cothrom air leth mu choinneimh an tadhail.

Cha do ghabh Inbhir Aora brath air na cothroman agus sheall Seumas Mac a' Phearsain dhaibh mar bu chòir, le slaic air leth dhan Ghleann goirid ro lethach slighe.

Bha an dàrna leth na b' fhaisge le cothroman aig gach taobh, ach b' e sgioba a' Ghlinne a bu làidire anns na mionaidean mu dheireadh - Neale Reid an toiseach le tadhal às dèidh do Ghraham Mac a' Phearsain stad a chur air oidhirp bho astar, agus Mac a' Phearsain an uair sin le tadhal math eile, le cha-mhòr am buille mu dheireadh is Gleann Urchadain troimhe 3-1.

Cha robh ach aon thadhal sa ghèam eile agus thàinig e bhon chaman aig fear de laoich a' Ghearasdain, Gordie MacFhiongain, a' cur a' bhuill dhan lìon (25) agus Ceann Loch Seile a-mach à Cupa na Camanachd.

An t-Eilean Sgitheanach, Ceann a' Ghiuthsaich, Gleann Urchadain is An Gearasdan uile san ad 'son an taghaidh aig Caisteal Eilean Donain Diluain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile