Liosaich diombach mu sheirbheis aiseig

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt CalMac gu bheil iad ag obair a dh'ionnsaigh fuasgladh fhaighinn.

Tha muinntir Lios Mòr mì-thoilichte le seirbheis aiseig an eilein.

Gheall Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun cuireadh iad bàta nas motha air an t-slighe eadar an t-Eilean agus an t-Òban.

Ach bho Àm na Càisge, 's e an Isle of Eigg, a tha beag agus sean, a th' air a bhith a' ruith oirre.

Tha na Liosaich cuideachd a' gearain nach eil clàr-ama cunbhallach ann nas motha.

Tha iad air an dragh a thogail le bhith a' cruthachadh bhideo, 's ga sgaoileadh air Youtube.

"Ma tha an làn a-muigh, tha an Isle of Eigg a' dèanamh an turais," thuirt Laura Cook, a tha a' fuireach san eilean.

"Ma tha e a' briseadh sìos, no mar sin, no ma bhios an criutha a' dol bho bhàta gu bàta, bidh an Raasay an turais cuideachd.

Bun-os-cionn

"So chan eil fhios againn dè am bàta a tha a' tighinn, cuin a tha e a' tighinn. Tha clàr-ama dìreach bun-os-cionn.

"Chan eil e math airson turasachd, chan eil e math airson gnìomhachais, chan eil e math airson eaconamaidh an eilein air fad," thuirt i.

'S e tè de na trioblaidean, nach bi fios aig dràibhearan làraidh co-dhiù bi bàta a tha fregarrach orra air an t-slighe nuair a dh'fheumas iad tadhail air an eilean.

Tha sin a' dèanamh dragh gu h-àraid dha feadhainn a tha a' togail taighe.

Thuirt CalMac gu bheil duilgheadasan aca leis a' chidhe anns an Òban.

Tha sin a' fàgail nach urrainn dhaibh na bàtaichean mòra aca leithid an Loch Stiven, a chleachdadh nuair a tha an làn ìosal.

Thuirt iad gu bheil iad ag obair a dh'ionnsaigh fuasgladh fhaighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh