Crith-thalmhainn air a' Ghàidhealtachd

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Kenneth Allen/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Bha togalaichean air chrith, agus chualas brag an dèidh na crith-thalmhainn.

Chaidh crith-thalmhainn, neart 3, a chlàradh anns a' Ghearasdan air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt Suirbhidh Geòlais Bhreatainn gun do thachair e goirid an dèidh 7:30f air feasgair Diardaoin.

Chan e crith mhòr a bh' ann, ach chaidh a mothachadh ann an sgìrean eile, eadar Gleann Comhann, an t-Òban, Ath Tharracail agus Baile a' Chaolais.

Bha taighean air chrith, agus chualas brag an dèidh na crith-thalmhainn.

Cha b' e seo a' chiad turas a thachair an leithid.

Ann an 2011, bhuail crith a bha na bu làidire, aig neart 3.5, ann an Gleann Ùige, ann am Muideart.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh