Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Antibiotics

Thuirt GlaxoSmithKline, a' chompanaidh mhòr dhrogaichean nach eil brosnachadh eaconamach sam bith ann dhaibhsan a bhith a' leasachadh agus a' dealbhachadh dhrogaichean ùra ged a tha truailleadh is galairean a' fàs nas làidire na an t-seòrsa antibiotics a th' ann. Thàinig rabhadh na bu tràithe an-diugh bhon Phrìomhaire Daibhidh Camshron, a thuirt gum faodadh an saoghal tilleadh gu làithean dorcha ann an seadh mheidigeach. Tha esan air ath-sgrùdadh iarraidh airson dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

An Eaconamaidh

Tha sgrùdadh a rinn Banca na h-Alba ag ràdh gu bheil an eaconamaidh a' dèanamh cho math a-niste 's a bha ron chrìonadh, agus aig an ìre as fheàrr ann an seachd bliadhna. Thuirt am banca, a bhruidhinn ri còrr is 400 companaidh, gur iad seo na figearan as fheàrr bho 2007, agus cha-mhòr an dàrna leth ag innse dhaibh gum faca iad adhartas anns na trì mìosan gu deireadh a' Chèitein.

Prìs Thaighean

Lean an t-àrdachadh ann am prìs thaighean air feadh Bhreatainn anns an Ògmhios a rèir na buidhne Nationwide. Dh'èirich prìsean faisg air 12% air a' mhìos. 'S ann an Alba a bha an t-àrdachadh as lugha aig 5.4%, agus bha Lunnainn air a' cheann eile aig 26%.

Israel

Tha poilis ann an Israel den bheachd gur e corp Phailistinianaich òig a fhuair iad air taobh sear Ierusalem, 's gur dòcha gur e dìoghaltas a th' ann airson muirt thriùir Israelach òga sa Bhruaich an Iar. Tha Israel a' cur coire air a' bhuidhinn Phailistinianaich Hamas airson muirt an triùir Isrealach, ged a tha Hamas a' dol às àicheadh.

Nicolas Sarkozy

Chaidh seann Cheann-Suidhe na Frainge, Nicolas Sarkozy, mu choinneimh cùirte ann am Paris. Chuir poilis fad an là an-dè seachad ga cheasnachadh mu amharas gun do dh'fheuch e ri buaidh a thoirt air britheamhan a tha a' rannsachadh ionmhas pàrtaidh phoileataigich Mhgr Sarkozy.

Siria

Thuirt deugaire a th' air fear de thriùir à Cardiff a chaidh dhan bhuidhinn Ioslamaich ISIS, nach eil dad de dhùil aige tilleadh dhachaigh, agus gu bheil e deònach a bheatha a chall air an adhbhar. Dh'fhalbh Asell Muthana, a tha 17 bliadhna de dh'aois, à Breatainn anns a' Ghearran airson a dhol a shabaid ri taobh a bhràthar as sine ann an Siria.

Cumhachd Ath-nuadhachail

Chruthaich sgeamaichean chumhachd ath-nuadhachail ann an Alba nach buin dha na companaidhean mòra luach còrr is £230m de dhealan an-uiridh, agus na chumas cumhachd ri millean dachaigh. Tha an aithisg bho SmartTest Energy ag ràdh gun do dhùblaich àireamh nan sgeamaichean neo-eisimeileach aig ìre gu math nas motha na th' ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh.