Loch nam Madadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leasachadh do sheann ospadal

30 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha leasachadh san amharc air seann ospadal Loch nam Madadh agus coinneamhan ann an Uibhist a Tuath air a bhith a' deasbad nam planaichean sin.

Tha dùil, am measg eile, àite còmhnaidh a chur ann do dh'oileanaich agus goireasan a bhiodh gu feum na coimhearsanchd air fad.

Tha moladh ann cuideachd gum biodh Loch nam Madadh a' faighinn a' mhòr-chuid den dealan bho aon chrann-gaoithe, mar a tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.