Caol Bhòid 6 Inbhir Aora 2

Caol Bhòid Image copyright SNS
Image caption Bha là sònraichte aig sgiobair Chaoil Bhòid, Tòmas MacIlleBhàin, is trì tadhail aige is an sgioba a' buannachadh 6-2 an aghaidh Inbhir Aora.

Bhuannaich Caol Bhòid Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu 'son an dàrna bliadhna ann an sreath, 's iad a' soirbheachadh 6-2 an aghaidh Inbhir Aora ann an Glaschu.

B' e Inbhir Aora a chaidh air thoiseach tràth sa gheama le slaic air leth bho Eòghan MacMhurchaidh (6).

Cha tug e fada do sgioba Thaigh na Bruaich freagairt ge-tà, le Ruairidh Dòmhnallach a' cur a' bhuill seachad air Graeme Mac a' Phearsain às dèidh 13 mionaidean.

Thàinig an uair sin urchair eile à caman MhicMhurchaidh gus Inbhir Aora a chur air thoiseach 2-1.

B' e fìrinn na cùise, ge-tà, gun robh Inbhir Aora car fortanach a bhith air thoiseach, is glè bheag de chothroman aca a bharrachd air na h-oidhirpean air leth sin bho MhacMhurchaidh.

Buille-shaor

Bha Caol Bhòid co-ionnan a-rithist ro leathach ùine, Donnchadh MacIlleChiar le tadhal à thàinig bho bhuille-shaoir.

Dh'fhuirich gnothaichean aig 2-2 gu dìreach às dèidh uair a thìde, nuair a chuir Tòmas MacIlleBhàin Caol Bhòid air thoiseach 3-2.

Chuir an Dòmhnallach an sgioba aige 4-2 air thoiseach le oidhirp shònraichte fhad 's a bha e a' tuiteam gu talamh (73), is rinn MacIlleBhàin cinnteach às nach tilleadh Inbhir Aora is e a' fàgail a' gheama aig 5-2 (76).

Chuir MacIlleBhàin crìoch air a' chùis leis an treas tadhal aige fhèin den là, 's Caol Bhòid a' buannachadh 6-2 air a' cheann thall.

Là air leth dha na balaich à Taigh na Bruaich agus an sgiobair aca MacIlleBhàin gu sònraichte.

Misneachail

Bha Caol Bhòid air leth làidir tron sgioba air fad agus ma chluicheas iad mar seo tron t-Samhradh, bidh iad misneachail gun urrainn dhaibh Cupa MhicAmhlaidh is Cupa na Camanachd a thogail cuideachd.

Fìor dhroch là do dh'Inbhir Aora 's iad a-nise air call an aghaidh nan nàbaidhean aca anns gach cupa a' dol air ais gu Cupa na Camanachd ann an 2012.

Thàinig dòchas air choireigin dhaibh Didòmhnaich ge-tà, nuair a bhuannaich an sgioba òg aca Cupa MhicÙisdein - a' phrìomh fharpais sa cheann a deas fo aois 17 - 4-2 an aghaidh Camanachd an Òbain.

Sa Phrìomh Lìog bha buille ann do Bhail' Ùr an t-Slèibh is Gleann Urchadain gan cumail 2-2 aig an Eilean.

Rinn Lòbhat a' chùis 2-1 air Loch Abar, 's iad a-nise dìreach dà phuing air dheireadh air a' Bhail' Ùr agus iad air geama nas lugha a chluich.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog shoirbhich Ceann a' Ghiuthsaich 4-2 air falbh an aghaidh Chinn Loch Seile.

Pronnadh

Bha dearbaidh mòr Loch Abair ann ann an Lìog Nàiseanta 1 is thug An Gearasdan pronnadh 5-1 air Cill Mhàillidh.

Ghabh na Sgitheanaich ceum mòr a dh'ionnsaigh Lìog Tuath 1 a bhuannachadh, 's iad a' buannachadh 5-0 an aghaidh Shrath Ghlais.

Ged a tha tòrr gheamaichean fhathast ri chluich, chan eil coltas sam bith ann gun cuir duine maill air na Sgitheanaich san lìog am-bliadhna.

Cha robh là cho math aig na Leòdhasaich 's iad a' call 10-0 ris an dàrna sgioba aig Lòbhat ann am Pleìt Shrath Èireann.

Bha iad toilichte ge-tà le mar a chaidh gnothaichean ann an Lìog Tuath 3 Disathairne, 's fios aig na Lèodhasaich le cinnt gum faigh iad dhan phrìomh thrì san lìog ma nì iad a' chùis air Loch Bhraoin air an 12mh den Iuchar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile