Sgitheanaich draghail mu thuathanas èisg

Loch Shlaopainn Image copyright Geograph/WF Millar
Image caption Tha Hjaltland a' sireadh cead airson 10 cèidsichean, 120 meatair tarsainn, a chur san uisge eadar Camas Malaig agus Rubha Shuidhisnis ann an Loch Shlaopain.

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd còrr is 80 beachd mu iarrtas airson tuathanas èisg ùr a stèidheachadh ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Tha Hjaltland Seafarms Earranta à Sealtainn airson 10 cèidsichean a chur ann an Loch Shlaopain, far an deach a' chiad tuathanas a stèidheachadh san sgìre bho chionn còrr is 30 bliadhna.

Ach a dh'aindeoin 's gum bi obraichean ùra ann, tha cuid ag ràdh gun dèan e barrachd cron na feum.

Cead

Tha Hjaltland a' sireadh cead airson 10 cèidsichean, 120 meatair tarsainn, a chur san uisge eadar Camas Malaig agus Rubha Shuidhisnis ann an Loch Shlaopain.

Ged nach biodh iad ri fhaicinn bhon dachaigh aige, 's e an taigh aig Niall MacRath as fhaisge air an leasachadh, ma thèid e air adhart.

"Saoilidh mi gur e obair shalach a th' ann an tuathanas èisg. Tha sinn uile ann an Cille Bhrìghde gu math pròiseil às Loch Shlaopain. 'S e àrainneachd phrìseil a th' ann, chanainn-sa, agus cha chreid mi nach eil seo a' dol ga mhilleadh uile gu lèir," thuirt Mgr MacRath.

Thug cha-mhòr 80 duine a tha ag aontachadh le beachdan Mhgr MhicRath seachad am beachdan gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Draghail

Nam measg, tha croitearan air a bheil dragh mun bhuaidh a bheireadh fuaim agus solais an tuathanais èisg air an stoc. Tha iasgairean clèibh agus fear a tha ag àrach fheusgan ann an Loch Èisoirt, ri taobh Loch Shlaopain, cuideachd na aghaidh agus dragh orra mu thruailleadh.

Tha Niall MacFhionghain, à Heasta, air a bhith bliadhnaichean mòra a' glacadh ghiomach sna lochan.

Na bheachd-san, thug na tuathanasan èisg ann an Loch Èisort agus Loch Shlaopain buaidh air a' mhaorach, 's e ag ràdh gun tàinig iad air adhart gu mòr on a dh'fhalbh iad.

Image caption Taobh a-staigh a' ghnìomhachais, feumar cumail ri riaghailtean teann, le buidhnean àrainneachd an Riaghaltais agus an RSPCA gan sgrùdadh.

Ann an Sealtainn ge-tà, tha Grant Cumming bho Hjaltland ag ràdh nach bu chòir strì a bhith ann idir: "Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le tuathanaich fheusgan ann an Sealtainn airson ùine mhòir agus 's e glè bheag de bhuaidh a th' againn air càch a chèile.

"Bidh na h-iasgairean chlèibh fiù 's a' cur chliabh taobh a-staigh ar tuathanasan èisg, 's mar sin, chan eil sinn a' faicinn gu bheil còmhstri sam bith an sin," thuirt e.

Taiceil

Cha do chuir ach dithis gu h-oifigeil an taic ris an leasachadh - fear a tha a' faighinn cosnadh bho chompanaidh èisg eile, agus fear eile a stèidhich a' chiad tuathanas èisg anns an eilean, ann an Loch Shlaopain, sna 70an.

Taobh a-staigh a' ghnìomhachais, dh'innis iadsan gum feumar cumail ri riaghailtean teann, le buidhnean àrainneachd an Riaghaltais agus an RSPCA gan sgrùdadh.

Ach, mar lighiche-sprèidh, chan eil Niall MacRath riaraichte: "Dh'fhaodadh sin a bhith fìor ach, ge-tà, chan eil e nàdarra mìltean de bhradain a thoirt còmhla ann an àite beag. Cha ghabh na galairean a sheachnadh idir."

A thuilleadh air na croitearan 's na h-iasgairean, tha cuid draghail gum faodadh an leasachaidh fìor dhroch bhuaidh a thoirt air turasachd san sgìre.

Air an làimh eile ge-tà, chanadh cuid nach eil obraichean ann an turasachd a' toirt chosnaidhean làn-ùine do dhaoine, le deagh thuarastail agus peinnseannan mar a tha Hjaltland a' gealltainn ma thèid leotha.

Obraichean

"Tha sinn ag amas, ma thèid leinn, air naoi obraichean làn-ùine, le deagh phàigheadh, a chruthachadh.

"Sin an t-seòrsa obraichean a leigeas le teaghlaichean òga an cuid chloinne àrach san Eilean Sgitheanach agus, mar a tha fios, 's iad na teaglaichean òga a th' aig cridhe coimhearsnachd - 's iad a chumas na sgoiltean fosgailte, 's iad a' chumas Oifis a' Phuist a' dol, 's iad a chumas na bùithdean fosgailte," thuirt Mgr Cumming bho Hjaltland.

Tha dùil ri co-dhùnadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd ro dheireadh an Lùnastail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile