Comhairle iomagaineach mu sheirbheisean aiseig

Ìomhaigh den Loch Seaforth
Image caption Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar nach eil seirbheisean aiseig dhan sgìre math gu lèor airson dèiligeadh ris an iarrtas a th' ann.

Tha Comhairle nan Eilean Siar gus sgrìobhadh gu Ministear na Còmhdhail is dragh orra nach eil seirbheisean aiseig dhan sgìre math gu lèor airson dèiligeadh ris an iarrtas a th' ann.

Iarraidh iad coinneamh ris a' mhinistear cho luath 's a ghabhas.

Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gun cuir an ceannard, Aonghas Caimbeul, agus Cathraiche na Còmhdhail, Iain MacAoidh, litir a dh'ionnsaigh Ministear na Còmhdail ann an Dùn Èideann, Keith Brown, agus iomagain air an ùghdarras mu sheirbheisean aiseig.

Iarrtas

Tha iad ag ràdh gu bheil iarrtas a bharrachd ann air an t-slighe eadar Ulapul is Stèornabhagh agus nach dèan e a' chùis idir gum bi an aiseag ùr, an Loch Seaforth, ag obair air a' chlàr-ama a th' ann mar-thà.

Thuirt Mgr MacAoidh nach eil seirbheisean aiseig dha na h-Eileanan idir math gu leòr aig àm nuair a tha tha dùil ri luchd-tadhail a bharrachd, agus farpaisean leithid Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis is Cupa Ryder ann an Alba.

Thuirt Aonghas Caimbeul gu bheil feum air bàta eile a bhith ag obair còmhla ris an aiseag ùr, agus thuirt e gu bheil a' Chomhairle airson coinneachadh ris a' mhinistear cho luath 's a ghabhas gus an gnothach a dheasbad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile