Dòchas mu chàball a' Chuain Sgìth
- Air fhoillseachadh

Tha dòchas gum bi gluasad air Càball a' Chuain Sgìth ro dheireadh na bliadhna.
Choinnich Fòram Lìbhrigidh Chumhachd Ath-nuadhachail nan Eilean airson a' chiad uair ann an Glaschu Diardaoin.
Bha Rùnaire Chumhachd Bhreatainn, Ed Davey, agus Ministear Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, an làthair.
Dh'innis a' chompanaidh SSE gun cuir iadsan a-nise prògram obrach ri chèile ro dheireadh an t-Sultain.
Tha dòchas ann gun seall sin gu bheil càball dealain airidh air na cosgaisean mòra a bhiodh na lùib.
Soilleireachadh
Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair, gu bheil e misneachail mu na thàinig a-mach às a' choinneimh eadar na buidhnean a tha ag amas air cumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan adhartachadh.
Dh'innis Mgr MacÌomhair gun cualas aig a' choinneamh bho SSE, a' chompanaidh a tha an urra ris a' chàball a chur an sàs, agus bho Ofgem, an t-ùghdarras a bheir cead dhan chàball.
An dèidh còmhraidh is deasbaid, thuirt e gun d' fhuaireas beagan soilleireachaidh a thaobh na tha a' cur bacadh air a' chùis.
"Bha e math cluinntinn gu bheil plana-gnìomha a' dol a thighinn san t-Sultain, a' sealltainn dè a tha a' cur bacadh air a' chàball," thuirt e.
Ged nach do dh'ainmich SSE na bh' air bacadh a chur air a' phròiseict, thuirt iad gun tèid a h-uile càil fhoillseachadh sa phlana-ghnìomh.
Dòchasach gun tèid adhartas a dhèanamh san t-Sultain, thuirt Mgr MacÌomhair gum b' urrainnear an dèidh sin obrachadh còmhla gus bacaidhean sam bith a rèiteach.
Cumhachd ath-nuadhachail
Tha na h-Eileanan air a bhith a' feitheamh bhliadhnaichean airson adhartas agus fiosrachadh a bharrachd gun tèid an càball a chur an sàs, agus gun tèid ceangal ceart a dhèanamh eadar na pròiseactan a th' ann, 's a dh'fhaodadh a bhith ann, anns na h-Eileanan agus an Griod Nàiseanta air Tìr Mòr.
Thuirt Mgr MacÌomhair gu bheil na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn mothachail gur ann aca a tha an cumhachd ath-nuadhachail as fheàrr san Roinn Eòrpa, agus gur e briseadh-dùil a th' ann nach urrainn dha na trì ùghdarrasan eileanach an cumhachd sin fhaighinn air falbh.
"'S e briseadh-dùil a th' ann gun teagamh gu bheil na bliadhnaichean 's na bliadhnaichean 's na bliadhnaichean a' dol seachad, 's nach eil sinn a' faighinn a' chàbaill a tha seo, ach tha mi a' smaoineachadh gur e ceum mòr a rinn sinn an-diugh, 's gum bi soilleireachadh againn dè a tha a' cur bacadh air 's gun tig piseach às dèidh sin.
"Tha sinn a' faicinn gu bheil feum air an seo airson na h-eaconamaidh, gu bheil tòrr obraichean maille ri seo agus gun tig teachd-a-steach mhòr a-steach dha na h-Eileanan air cùlaibh seo," thuirt e.
Ged a thathas tàmailteach nach d' fhuairear chun nam buannachdan sin gu ruige seo, thathas dòchasach gum bi naidheachd mhath ann ro dheireadh na bliadhna seo.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 27 An t-Ògmhios 2014
- 15 An Cèitean 2014