Taic-airgid do dh'Urras Ghleann Dail

Seann sgoil Ghleann Dail
Image caption Tha planaichean ann airson òstail agus taigh-bìdhe a dhèanamh de thogalach na sgoile.

Fhuair muinntir Ghleann Dail san Eilean Sgitheanach faisg air £200,000 airson seann sgoil na sgìre a leasachadh a chum maith na coimhearsnachd.

Am measg na bhios ann, bidh àite-còmhnaidh saor agus goireasan a bhios fosgailte fad na bliadhna.

'S ann bho Stòras Fearainn na h-Alba a fhuair Urras Ghleann Dail an taic-airgid luach £190,000.

Leigidh sin leotha Sgoil Bhorroghdail a cheannach agus a leasachadh.

Am measg na tha iad a' moladh, tha ostail anns am bi 16 leapanan agus àite cruinneachaidh airson an t-sluaigh, le goireasan cluiche do chloinn ann an raon na sgoile.

Bidh bàr agus taigh-bìdhe, fosgailte fad na bliadhna, àite-nigheadaireachd, taigh a bhios ri fhaotainn air màl reusanta, agus taisbeanadh de dh'eachdraidh is dualchas na sgìre.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile