Ar nàbaidhean mu dheas

Chan eil teagamh ann nach toir an referendum air neo-eisimeileachd san t-Sultain buaidh air sluagh na h-Alba air fad, ge bith dè an taobh a thèid a' bhòt.
Ach dè a' bhuaidh a bheir e air muinntir Shasainn?
Ann an Rathad an Referendum: Ar Nàbaidhean mu Dheas, tha an tè-naidheachd phoileataigeach, Anna NicLeòid, a' siubhal air feadh Shasainn, bhon iar-thuath gu Lunnainn, gus beachdachadh air a' bhuaidh a bhios aig an referendum air na nàbaidhean as fhaisge oirnn gu deas.
An toireadh neo-eisimeileachd cothroman neo dùbhlain don sgìre timcheall a' Chaisteil Nuaidh, agus dè thachras do chumhachd Lunnainn gu h-eadar-nàiseanta ma dh'fhalbhas Alba?
Ge bith dè an roghainn a nì muinntir na h-Alba anns an t-Sultain, bheir e buaidh air a h-uile ceàrnaidh den Rìoghachd Aonaichte.
Ollamh
Rugadh is thogadh an t-Oll. Pòl Younger anns a' Chaisteal Nuadh.
An-diugh tha e a' teagasg aig Oilthigh Ghlaschu, 's tha mion-eòlas aige air an eaconamaidh anns gach àite.
"Fad mo bheatha, tha sinn air smaointinn gun robh eaconomaidh ear-thuath Shasainn a' dol sìos agus a dh'aindeoin 's gun robh an aon rud an seo ann an Glaschu uaireigin, ann an Alba air fad san là an-diugh, tha mi a' smaointinn gu bheil an eaconamaidh an seo nas làidire na tha e ann an ear-thuath Shasainn.
"Às dèidh 10 bliadhna de Phàrlamaid na h-Alba, tha mi den bheachd gu bheil e follaiseach gu bheil e air buaidh mhòr a thoirt air eaconamaidh agus cultar na h-Alba agus às aonais Pàrlamaid mar sin, chan eil mi a' creidsinn gum bi adhartas cho math aig ear-thuath Shasainn."
Feachdan armaichte
Chuir Etta Copeland bliadhnaichean mòra seachad a' siubhail air feadh Bhreatainn an cois an duine aice a ràinig àrd-ìre ann am Feachd an Adhair.
An dèidh beatha anns na feachdan armaichte, tha i an-diugh fuireach faisg air Oxford.
Ach tha gach cuibhreann de dh'fhèin-aithne prìseil dhith.
"Tha dàimh mhòr agam do Bhreatainn ach tha dàimh agam do dh'Alba cuideachd, agus gu h-àraidh do sgìre an Rubha agus a bharrachd air an sin do Gharrabost - 'innis dhaibh ma bhios mi maireann nach dèan Sasainn Gall dhìom'.
"'S e Leòdhasach a bhios annam gu sìorraidh bith-bhuan agus Albannach cuideachd."
Oileanach
Beagan mhìltean air falbh ann an Oxford fhein, tha eileanach eile anns an oilthigh - Dòmhnall Iain Dòmhnallach.
B' e an sealladh às ùr a fhuair esan air a dhachaigh às dèidh dha a thighinn a Shasainn a phiobraich e gus taic a thoirt dha neo-eisimeileachd.
"'S ann dìreach o chionn bliadhna no dhà a tha mi air a dhol gu mòr airson neo-eisimeileachd, nuair a thuig mi nach robh iomairt neo-eisimeileachd na h-Alba a' ciallachadh gur e nàiseantach a bh' annad, nach robh e a' ciallachadh gun robh gràin agad do Shasannaich no dad mar sin.
"Ach gun robh e a' ciallachadh gun robh earbsa agad ann am muinntir na h-Alba na roghainnean aca fhèin a dhèanamh gus dùthaich a chruthachadh far a bheil rudan, far a bheil barrachd brìgh anns a' bheatha na airgead agus stuth mar sin."
Cothrom no cunnart
Tha an deasbad a' fosgladh chothroman do chuid agus chunnartan do dhaoine eile.
Taghadh pearsanta do chuid; buaidh air a h-uile duine.
Air an 18mh là den t-Sultain, taghaidh muinntir na h-Alba, ann am bhòt air a bheil seasamh Bhreatainn gu lèir a' crochadh.