Taghadh Chupa an t-Sutharlanaich
- Air fhoillseachadh

Chaidh an taghadh a dhèanamh airson na h-iar chuairtean deireannach de Chupa an t-Sutharlanaich, cho math ri pàircean is làithean 'son grunn fharpaisean eile.
Cupa an t-Sutharlanaich - Iar Chuairt Dheireannach - 2mh den Lùnastal
A' Mhanachainn - An Gearasdan
Lòbhat - Caol Bhòid
Cha deach pàircean 'son nan geamaichean a stèidheachadh fhathast. Bidh a' chuairt dheireannach ann air Disathairne 30mh den Lùnastal.
Tha Comann na Camanachd cuideachd air taghadh a dhèanamh a thaobh pàircean ann an Cupa is Plèit Shrath Èireann agus Cupa is Plèit Bhullough.
Cupa Shrath Èireann - Iar Chuairt Dheireannach - 5mh den Iuchar
Gleann Urchadain - Bail' Ùr an t-Slèibh (ann an Druim na Drochaid)
Srath Spè - An t-Eilean Sgitheanach (ann am Baile nan Granndach)
Plèit Shrath Èireann - Iar Chuairt Dheireannach - 5mh den Iuchar
A' Mhanachainn - Inbhir Nis (Pàirc a' Bhucht)
Ceann a' Ghiuthsaich - Lòbhat / Lèodhas (Cill Taraghlain no Siabost)
Cupa Bhullough - Iar Chuairt Dheireannach
Tatha For - Caol Bhòid (Taigh na Bruaich - an 5mh den Iuchar)
Inbhir Aora - Sgioba an Airm / Eilean Bhòid (Baile nam Feusan no Bòd air là nach deach aontachadh fhathast)
PlèitBhullough - Iar Chuairt Dheireannach - 5mh den Iuchar
Obar Dobhair - Comann Camanachd Shasainn (Obar Dobhair - an 26mh den Iuchar)
Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Gleann Urchaidh (Dàil Mhaillidh - an 5mh den Iuchar)