Fear òg air bàsachadh às dèidh tubaist-rathaid

Tha fear òg à Nis air bàsachadh san ospadal às dèidh tubaist-rathaid air an deireadh sheachdain.

Chaidh an càr aig Iain Ruaraidh MacIllÌosa, aois 24, à Sgiogarstaidh, far an rathaid faisg air Lìonail ann an Nis tràth sa mhadainn Disathairne.

Chaidh cobhair a dhèanamh air Mgr MacIllÌosa agus chaidh a thoirt gu Ospadal an Royal Alexandra, ann am Pàislig, far an do chaochail e Dimàirt.

Thug an teaghlach taing dhan luchd-altraim airson na rinn iad dha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile