Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iorac

Tha blàr ann am mòran sgìrean de cheann a tuath Iorac agus feachdan Sunni a' dèanamh air a' phrìomh-bhaile, Baghdad. Tha biadh agus uisge ga chàrnadh sa bhaile agus tha gunnachan dhan toirt dhan an t-sluagh gus an cuir iad taic ri arm an riaghaltais. Ghabh na reubaltaich smachd na bu tràithe an-diugh air a' mhòrchuid den ionad ola as motha a th' anns an dùthaich.

Sir Iain Major

Thuirt an t-seann Phrìomh Mhinistear, Sir Iain Major, gun dèanadh e cron air an Rìoghachd Aonaichte agus air NATO nam faigheadh Alba neo-eisimeileach cuidhteas armachd niuclasach. Thuirt e cuideachd gun cailleadh Alba neo-eisimeileach a' bhuaidh a th' aice air cùisean an-dràst,a agus gun deadh a fàgail air an iomall. Thuirt an iomairt airson neo-eisimeileachd gu bheil beachd Shir Iain a' dearbhadh cho beag tuigse 's tha aige air fìrinn na cùise.

Slàinte

Thèid £40m a chosg air an ath cheithir bliadhna, a' fastadh 500 luchd-obrach às ùr do shiostam slàinte na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil feum orra mar phàirt de dh'Achd ùr na Cloinne agus Òigridh, a tha ag ràdh gum feum duine sònraichte ainmeachadh mu choinneimh chòirichean agus slàinte gach leanabh.

Port-adhair Preastabhaig

Thèid plana Riaghaltas na h-Alba do Phort-adhair Preastabhaig fhoillseachadh an-diugh. Cheannaich an riaghaltas am port-adhair air Not, an dèidh dha failneachadh air a' bhuidheann, Infratil, a reic, agus tha sùil ri luach na milleanan not de leasachadh air.

Sgoil Lìonail

Tha mì-chinnt ann mu Àrd-sgoil Lìonail ann an Nis agus Comhairle nan Eilean Siar a' gluasad air adhart le co-chomhairleachadh. Thuit àireamh nan sgoilear bho 30 ann an 2012 gu dìreach ochdnar air a' bhliadhna sgoile seo tighinn. Bidh dithis air a' chiad bhliadhna agus sianar air an dàrna bliadhna. Tha feadhainn de phàrantan na sgìre air co-dhùnadh an cuid cloinne a chur gu Àrd-sgoil MhicNeacail, seach Sgoil Lìonail.

Stòras Uibhist

Dh'innis Stòras Uibhist gun do choisinn an tuath-gaoithe ann an Uibhist a Deas £700,000 dhan choimhearsnachd air a' bhliadhna bho thòisich e a' cruthachadh dealain. Thèid an t-airgead a roinn eadar pròiseactan coimhearsnachd agus fiachan an uachdarain choimhearsnachd.

Camarathan

Thuirt na poilis gu bheil na camarathan astair ùr air an A9 a' toirt air dràibhearan gabhail air an socair, fiù 's ged nach do thòisich an siostam fhathast. Bha aon dràibhear anns gach triùir a' dol ro luath eadar Peairt agus Baile Chloichridh mus deach na camarathan a chur suas, agus a-niste 's e aon anns gach deichnear a tha ann. Tòisichidh an siostam ùr san Dàmhair.