Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Riadh

Thuirt Riaghladair Bhanca Shasainn gu faodadh ìre rèidh a dhol suas am bliadhna, nas tràithe na bha dùil. Thuirt Mark Carney aig òraid ann an Lunnain an-raoir gur e àrdachadh mall agus rianail a bhios ann.

Iorac

Rinn buidhnean armaichte Islamach tuilleadh adhartais ann an Iorac agus iad a' gabhail smachd air dà bhaile ann an sgìre Diyala air taobh sear na dùthcha. Tha iad a-niste air an t-slighe gu ruige Baghdad, am prìomh bhaile, agus e a' failneachadh air feachdan an riaghaltais stad a chuir orra.

Clinton

Thuirt seann Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Hillary Clinton, gun dèanadh neo-eisimeileachd cron air Alba agus air na bhiodh air fhàgail den Rìoghachd Aonaichte. Thuirt an iomairt 'son neo-eisimeileachd gur e, mar a dh'aidich Hillary Clinton, co-dhunadh a tha sin do mhuinntir na h-Alba.

Eaconamaidh

Tha Prìomh Mhinistear na h-Aba, Alex Salmond a' foillseachadh plana an-diugh a bheir, thuirt e, brosnachadh mòr do dh'eaconomaidh na h-Alba. Thuirt ministearan an ionmhais ann an Lunnainn nach eil aig Mgr Salmond ach aisling nach tig gu buil.

GSH

Cha tàinig fios fhathast bhon bhuidheann GSH agus dragh ann gu faodadh corr 's fichead duine cosnadh a chall anns na Hearadh. Chaidh innse do luchd-obrach gu bheil a' chompanaidh a' toirt sùil air an oifis air an Tairbeart, far am bheil ceithir duine fichead stèidhte, mar phàirt de dh'oidhirp air cosgaisean a ghearradh. Dh'iarr ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, taic air Ministear Riaghaltas na h-Alba, Fearghas Ewing.

Cùrsa

Tha Colaiste Caisteal Leòdhais, pàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a' cur cùrsa Gàidhlig ùr air bhonn an-diugh. Thèid an cùrsa, Gaelic Scotland, le teisteanas BA, a theagasg tro mheadhan na Beurla.