Kerry Nic a' Phì gu bhith a' farpais aig Geamannan a' Cho-Fhlaitheis

Kerry Nic a' Phì
Image caption Tòisichidh na geamannan air an 23mh Iuchair.

Chaidh a dhearbhadh gu bheil Kerry Nic a' Phì, à Uibhist a Deas, air àite fhaighinn ann an Geamannan a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu am-bliadhna.

Bha Kerry, a tha 28, air a h-ainmeachadh mar phàirt de sgioba baidhsagal-beinne nam ban aig taisbeanadh dha Team Scotland aig Caisteal Shruighlea Diardaoin.

Tha i cuideachd san dàrna sgioba 'son rothaireachd rathaid.

'S i a' chiad bhoireannach às na h-Eileanan an Iar a tha air farpais anns na geamannan.

Uibhist a Deas

Thogadh Kerry ann an Cille Pheadair, an Uibhist a Deas, agus 's ann mar triathlete a fhuair i cliù an toiseach, ach ghluais i gu rothaireachd.

Bhuannaich i dà bhonn òir aig Geamannan Eileanan na Cruinne ann am Bermuda an-uiridh.

Bha Dòmhnall Dòmhnallach - cuideachd à Uibhist a Deas - a' farpais ann an Geamannan na h-Iompaireachd (mus deach an atharrachadh gu Geamannan a' Cho-Fhlaitheis) ann an Cardiff ann an 1958, mar lùth-chleasaiche.

Tòisichidh na geamannan ann an Glaschu air an 23mh den Iuchair gu an 3mh den Lùnastal.

Dhearbh na dùthchannan eile a tha gu bhith a' farpais, na sgiobannan aca fhèin tron oidhche.