Sgoil ùr Baile Dhubhthaich ga dheasbad

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,
Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich

Tha beachdan dhaoine gan sireadh air sgoil mhòr ùr a thogail ann am Baile Dhubhthaich.

Rachadh Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich agus na trì bun-sgoiltean sa bhaile, Cnoc na Creige, An Cnoc Breac agus Naomh Dhubhthach, a dhùnadh.

'S ann am Bun-sgoil Chnoc na Creige a tha aonad Gàidhlig na sgìre an-dràsta.

'S ann do chloinn eadar 3 is 18 bliadhna de dh'aois a bhiodh an sgoil ùr.

Làrach

Dh'fhaodadh gur ann air làrach na h-acadamaidh, làrach Bun-sgoil Chnoc na Creige, neo làrach aig a' Chroit Mhòir a rachadh an sgoil a thogail.

Thig a' cho-chomhairle gu ceann air a' 4mh là den Iuchar.

Bidh seisean poblach cuideachd ann an Talla Eaglais Bhaile Dhubhthaich air Sràid na Banrigh sa bhaile air an 30mh là den Ògmhios, eadar 10m is 8f.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh