Ionad teasairginn ùr aig tuath

Ionad Teasairgin Achadh Dà Dhòmhnaill Image copyright John Ferguson / Geograph
Image caption Tha ionadan aig an sgioba mar-thà ann an Achadh Dà Dhòmhnaill agus Ulapul.

Tha Sgioba Teasairginn an Locha Bhig air Taobh Siar Rois gus ionad a stèidheachadh air taobh sear na dùthcha airson a' chiad uair.

'S e an sgìre-teasairginn aca an tè as motha ann an Alba, is 40 duine ag obair dhaibh gu saor-thoileach.

Tha carbadan aca stèidhichte ann an Ulapul, Geàrrloch, Achadh Dà Dhòmhnaill is ann an Inbhir Pheofharain, is buill den sgioba a' fuireach air Taobh Sear agus Taobh Siar Rois.

Pàirce Ghnothachais

'S ann am Pàirce Ghnothachais Inbhir Pheofharain a bhios an t-ionad ùr.

"Tha sinn taingeil dhan fhear-ghnothachais ann an Inbhir Pheofharain a leig leinn ar carbad a chumail air an làraich aige sa bhaile fad bhliadhnaichean, ach feumaidh sinn a-nise ionad a bhith againn far an cum sinn an carbad is an uidheamachd eile againn, is far an coinnich sinn nuair a tha gairm èiginn ann," thuirt cathraiche na sgioba, Cè Bryers.

Feumaidh an sgioba a-nise £150,000 a thogail airson an t-ionad ùr a thogail agus na goireasan a bhios a dhìth ann a chur air dòigh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile