Tomhas an toraidh

Dè a bu chòir dhuinn dèanamh de thoradh an taghaidh Eòrpaich?

Tha sin an crochadh air cò ris a bhios tu ag èisteachd.

B' i a' cheist a bu mhotha ann an Alba dè a thachradh don t-siathamh suidheachan Albannach anns a' Phàrlamaid Eòrpaich.

Bha làn dùil nach deigheadh aig Seòras Lyon air a ghlèidheadh do na Lib Deamaich.

Nuair a chaill Mgr Lyon b' e "briseadh cridhe" a bha ann do Willie Rennie seach briseadh dùil.

Cha robh dùil ge-tà, gur e Dàibhidh Coburn a UKIP a gheibheadh e.

Dòchas

Ron taghadh seo, bha an SNP an dòchas gun cuireadh iad ris na bha aca de bhuill anns a' Phàrlamaid Eòrpach.

Ach, mar a thachair e, cha d'fhuair iad ach na dhà a bha aca roimhe.

(Às dèidh toradh nan eilean madainn Dhiluain, fhuair na Làbaraich a dhà cuideachd, agus fear an urra aig na Tòraidhean agus UKIP).

A dh'aindeoin sin, b' iad na nàiseantaich a fhuair làmh an uachdair aig an taghadh seo.

Gu poblach rinn iad gàirdeachas.

Ach, chan e sin ach an dàrna leth dhen sgeul.

Eadar-dhealaichte

Nas prìseile nan treas ball (bidh 751 anns a' Phàrlamaid ùir), bha na nàiseantaich ag iarraidh sealltainn gun robh Alba eadar-dhealaichte bhon chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

Às dèidh mar a rinn UKIP a' chùis ann an Sasainn tha iad a' dèanamh sin fhathast.

Ach tha e nas duilghe sin a dhèanamh a-nis.

Ged a thàinig pàrtaidh Nigel Farage a-steach anns a' cheathramh àite (air thoiseach air na h-Uainich agus na Lib Deamaich bhochda), fhuair iad taic gu leòr airson suidheachan a choisinn.

Chan urrainn do dh'Ailig Salmond cantainn a-nis nach do ghabh Albannaich ri UKIP idir.

'S i a' cheist, ciamar fhuair iad an taic a fhuair?

Taic

Ann an Sasainn, tha na daoine purpaidh a' faighinn taic an dà chuid bho luchd nan Làbarach agus muinntir nan Tòraidhean.

Ann an Alba, fhuair iad 11% ged a chum na Tòraidhean an taic acasan agus na Làbaraich a' cur ris na fhuair iad ann an 2009.

Chuir Ailig Salmond coire air a' BhBC airson cothrom a thoirt do UKIP an teachdaireachd aca a sgaoileadh ged nach robh fiù 's comhairliche aca ann an Alba.

'S urrainn dhaibh ur inntinn fhèin a dhèanamh suas mu dheidhinn sin.

Ach am bliadhna, nuair a tha aire an t-sluaigh air ceist na neo-eisimeileachd, an e gun robh luchd taic an Aonaidh air am brosnachadh gus taic a chur ri Pàrtaidh Neo-eisimeileachd na Rìoghachd Aonaichte?

'S dòcha nach bi freagairt againn gus an tig là an referendum fhèin.