Ciad cheap Bun-Sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain

Thèid a' chiad cheap a ghearradh airson Bun-Sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain Diardaoin.

Tha pàrantan san sgire air a bhith a' strì air a son fad bhliadhnaichean.

'S ann air Rathad Àird Dhobhair anns a' Chaol a thèid an sgoil a thogail.

Bidh ceithir seòmraichean clas innte, le cothrom a' cheart uimhir a bharrachd a chur rithe nam biodh feum air san àm ri teachd.

Bha pàrantan ag iarraidh làraich eile air a' Bhlàr Mhòr an toiseach, ach bha sin air a bhith ro chosgail, seach gum biodh aca ri mòine a thoirt air falbh às an làraich sin.

Thathas an dùil gum fosgail an sgoil ùr san Lùnastal 2015.