UKIP air seat Albannach fhaighinn sa Bhruiseil

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, VT Freeze Frame
Fo-thiotal an deilbh, Shoirbhich le pàrtaidhean an aghaidh an AE ann an iomadh dùthaich.

Tha UKIP air buannachd mhòr fhaighinn anns na taghaidhean Eòrpach.

Fhuair iad 27.5% den bhòt - barrachd na fhuair pàrtaidh sam bith eile ann am Breatainn - a' leigeil leotha 23 buill a chur chun na Pàrlamaid Eòrpaich.

Fhuair UKIP a' chiad seat Albannach aca sa Phàrlamaid Eòrpaich anns an taghadh.

Fhuair an SNP làmh an uachdair ann an Alba ach 's e pàrtaidh Nigel Farage a rinn a' chùis mu dheas.

60 Seata

Tha dithis bhall an-urra aig an SNP agus aig Làbaraich ann an Alba.

Cha bhi Lib-Deamach Albannach sa Phàrlamaid Eòrpaich ge-tà, agus iadsan air tighinn a-steach san t-siathamh àite, air dheireadh air UKIP agus air na h-Uainich.

Shoirbhich le pàrtaidhean na làimhe deise, agus pàrtaidhean a tha an aghaidh an AE ann an grunn dhùthchannan na Roinn Eòrpa.

San Fhraing chrìochnaich am Front National air thoiseach air pàrtaidhean eile na dùthcha 'son a' chiad uair a-riamh ann an taghadh nàiseanta.

Bidh am Front National a-niste a' cur eadar 23 agus 25 ball chun na Pàrlamaid Eòrpaich - seach an triùir bhall a bh' aca roimhe.

Anns an Danmhairg chunnacas barrachd taic do Phàrtaidh Pobaill na Danmhairge - a tha a' cur an aghaidh an AE - 's iad a' faighinn ceithir seataichean.

Rinn na pàrtaidhean a tha a' strì an aghaidh chruaidh-ghearraidhean riaghaltais anns a' Ghrèig agus anns an Spàinn adhartas cuideachd.

Sa Ghearmailt, 's iad pàrtaidh an t-Seansalair Angela Merkel, na Deamocrataich Chrìosdail, a b' fheàrr a rinn.

Anns an Eadailt shoirbhich leis a' Phàrtaidh Dheamocratach, a tha a' cur taic ris an AE.

'S iad Pàrtaidh Pobaill na Roinn Eòrpa fhathast a' bhuidheann as motha sa Phàrlamaid Eòrpaich, ach chaill iad mu 60 seata.