Lòbhat sa chuairt dheireannaich

Lòbhat is Ceann Loch Seile. Image copyright Neil G Paterson
Image caption Rinn Lòbhat an gnothach 4-0 air Ceann Loch Seile.

'S e Gleann Urchadain an aghaidh Lòbhait a bhios ann sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais a-rithist am bliadhna às dèidh do sgioba Chill Taraghlain a' chùis a dhèanamh 4-0 air Ceann Loch Seile aig an deireadh-sheachdain.

Bha an dà gheama mu dheireadh eadar na sgiobaidhean glè fhaisg ach bha Lòbhat cus ro mhath an turas seo is tadhail bho Ghreg MacMhathain, Lorne MacAoidh is Graeme Mac a' Mhaoilein gam fàgail 3-0 air thoiseach aig leathach ùine.

Chuir MacMhathain tadhal eile gus gleans a chur air a' ghnothach is cuiridh Lòbhat a-nise dìon air a' chupa an aghaidh a' Ghlinne aig Pàirc a' Bhucht air an 21mh den mhìos, geama a bhios beò air BBC Alba.

Sa Phrìomh Lìog, ghluais Bail' Ùr an t-Slèibh dà phuing air thoiseach air Lòbhat aig a' mhullach is iad a' buannachadh 1-0 air falbh an aghaidh Chaoil Bhòid.

Thàinig an tadhal bho Ghlenn Mac an Tòisich is dà phuing luachmhòr dhan Bhail' Ùr, a shiubhail ri sgioba nas laige na an àbhaist.

Dìoghaltas

Bidh cothrom dìoghaltais aig Caol Bhòid Disathairne nuair a thilleas am Bail' Ùr gu Taigh na Bruaich ann an Cupa na Camanachd.

Rinn Gleann Urachdain a' chùis 2-0 air Loch Abar, na tadhail bho Sheumas Mac a' Phearsain (4) is Dàibhidh Smart (53).

Tha Loch Abar ann an suidheachadh cugallach aig bonn na lìge is bha droch naidheachd a bharrachd dhaibh ann an Inbhir Aora, far an do rinn sgioba a' bhaile a' chùis air Ceann a' Ghiuthsaich 2-0.

Rinn dà thadhal bho Ruairidh Greumach an gnothach is Inbhir Aora a-nise suas dhan 5mh àite.

Ann an Lìog Nàiseanta 1, leig An Gearasdan seachad puing 'son a' chiad turas am bliadhna.

Anmoch

Bha iad ann an suidheachadh glè mhath is iad 2-0 air thoiseach anmoch sa gheama an aghaidh Ghleann Urchaidh ach shàbhail tadhail bho Grant Mac a' Phearsain is Iain Sartain puing do sgioba Dhàil Mhàillidh.

Ghabh nàbhaidhean a' Ghearasdain, Cill Mhàillidh, brath air sin is iadsan a' pronnadh Eilean Bhòid 10-0, gu h-iongantach an darna turas a chuir iad deich seachad air na h-eileanaich anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh.

Sa gheam eile ann an Lìog Nàiseanta 1, shoirbhich leis a' Mhanachainn 3-2 air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Bha deagh là aig na Sgitheanaich ann an Lìog Tuath 1.

Chaill iad tadhal san lìog 'son a' chiad turas am bliadhna nuair a chuir Teàrlach Dòmhnallach Inbhir Nis air thoiseach aig Pàirc a' Bhucht.

Lìon

Chuir Mìcheal Price am ball dhan lìon aige fhèin ge-tà is thàinig tadhail a bharrachd bho Choinneach Caimbeul (39), Danny Moireasdan (61) is Coinneach MacLeòid (69).

4-1 air a' cheann thall is thàinig deagh naidheachd an uair sin à Ceann a' Ghiuthsaich far an do chaill Srath Ghlais, an aon sgioba eile nach robh e air chall, 4-3.

Bha là na b'fheàrr aig darna sgioba nan Sgitheanach cuideachd, iadsan a' buannachadh 4-2 ann am Pòrt Rìgh an aghaidh Loch Carrainn.

Cuideachd a' dèanamh ghàirdeachais, bha Camanachd Leòdhais.

Rinn tadhail bho Dhòmhnall MacLaomainn is Pòl Duke a' chùis dhaibh 2-1 air Inbhir Nis.

Tha na Lèodhasaich a-nise dìreach puing bhon 2mh àite is deagh chothrom aca air a dhol air adhart dhan leth as àirde den lìog.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile