14 eòin air am puinnseanachadh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Steve Mackay
Fo-thiotal an deilbh,
Fhuaireadh 22 eun a lorg marbh uile gu lèir ann an Taobh Sear Rois.

Thuirt Poileas na h-Alba gun do dhearbh deuchainnean gur e puinnseanachadh a thug bàs do 14 de na h-eòin-creachaidh a chaidh a lorg marbh ann an Siorrachd Rois.

Chaidh 22 eòin a lorg marbh uile gu lèir, 16 clamhain-ghobhlach agus 6 clamhain.

Fhuireadh na closaichean faisg aig Drochaid Sguideil.

Cha deach buil cuid de na deuchainnean fhoillseachadh fhathast.

Thuirt na poilis gu bheil an rannsachadh aca air a' ghnothach a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh