Ceist mu obair-rannsachaidh

Obair-rannsachaidh
Image caption Tha deasbad ann air buaidh neo-eisimileachd do dh'Alba air taic-airgid do dh'obair-rannsachaidh.

Thog buidheann de luchd-rannsachaidh mheidigeach dragh nach bi uiread de thaic-airgid ann dhan obair aca ma bhios Alba neo-eisimeileach.

Sgrìobh ceithir àrd-ollamh deug bho na còig sgoiltean mheidigeach ann an Alba litir fhosgailte is iad a' mìneachadh nan draghan a th' orra.

Fhuair ionadan rannsachaidh ann an Alba £257m bho Chomhairle Rannsachaidh na Rìoghachd Aonaichte an-uiridh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun leanadh rannsachadh meidigeach aig fìor àrd-ìre ann an Alba neo-eisimeileach.

Sgìre choitcheann

Tha iad airson sgìre choitcheann a stèidheachadh eadar Alba agus an còrr dhen Rioghachd Aonaichte gus taic-airgid a chumail ri obair-rannsachaidh.

A rèir an luchd-rannsachaidh a sgrìobh an litir ge-tà, bhiodh duilgheadasan mòra an lùib a' phlana sin agus bhiodh e eu-coltach gun rachadh a thoirt gu buil air a' cheann thall.

"Fiù 's nan rachadh aonta a ruighinn air an sgìre seo, bhiodh e eu-coltach gun gabhadh an Rìoghachd Aonaichte ri suidheachadh far an robh dùthaich neo-eisimeileach a bha a' farpais nan aghaidh a' faighinn airgid a bharrachd 'son rannsachaidh na bha iad a' cur a-steach an toiseach," sgrìobh iad.

Thuirt an luchd-rannsachaidh cuideachd gu bheil oilthighean na h-Alba a' faireachdainn nach urrainn dhaibh taobh seach taobh a ghabhail san deasbad air neo-eisimileachd leis gu bheil iad a' crochadh air Riaghaltas na h-Alba a thaobh taic-airgid.

Ainmean

'S iad an t-Àrd-Ollamh Dario Alessi, an t-Àrd-Ollamh Jean Beggs, an t-Àrd-Ollamh Colin Bird, an t-Àrd-Ollamh Sir Adrian Bird, Sir David Carter, an t-Àrd-Ollamh John Coggins, an t-Àrd-Ollamh Richard Cogdell, an t-Àrd-Ollamh Sir Philip Cohen, an t-Àrd-Ollamh James Garden, an t-Àrd-Ollamh Neva Haites, an t-Àrd-Ollamh Nicholas Hastie, an t-Àrd-Ollamh Wilson Sibbett, an t-Àrd-Ollamh Karen Vousden agus an t-Àrd-Ollamh Roland Wolf a chur an ainmean ris an litir.

Chuir a' bhuidheann 'Luchd-Acadaimigaich airson Neo-eisimeileachd' às àicheadh na nochd san litir.

"Tha iomadh aonta a thaobh rannsachaidh mar seo ann eadar an Rìoghachd Aonaichte agus Èirinn mar-thà," thuirt na h-Àrd-Ollamhan Bryan MacGriogair agus Murray Pittock bhon bhuidhinn.

"Carson a bha an suidheachadh diofraichte do dh'Alba neo-eisimeileach?" thuirt iad.

Buidseat

Thuirt an dithis cuideachd gu bheil "draghan mòra" ann an-dràsta mu bhuidseat na Rìoghachd Aonaichte a thaobh taic-airgid do shaidheans.

Thuirt iad gun robh a' bhuidheann 'An Iomairt airson Saidheans is Obair-Einnsiniridh' air sealltainn gun robh na tha an Rìoghachd Aonaichte a' cosg air saidheans air crìonadh gu mòr le droch buaidh air obair-rannsachaidh.

Thuirt iad cuideachd gu bheil an Rìoghachd Aonaichte faisg air bonn dhùthchannan an G8 a thaobh na thathar a' cosg air rannsachadh.