Leasachadh Àird Mhèanais
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leasachadh Àird Mhèanais na thàmh

22 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dàil air a dhol leasachadh Chidhe Àird Mhèanais ann am Barraigh.

Chaidh cùmhnant luach £1.5m dhan chompanaidh MacInnes Brothers an-uiridh agus bhathas an dòchas bho thùs gum biodh an obair deiseil san Lùnasdal am bliadhna.

Tha trioblaid ris nach robh dùil air grunnd na mara ge-tà air fàgail gum b'fheudar an luchd-obrach a thoirt far na làraich an t-seachdain seo chaidh.

Feumaidh a-nise pìos den chidhe a dhealbhachadh às ùr.