Fear a chaochail ga ainmeachadh

Air fhoillseachadh

B'e duine às a' Ghàidhealtachd a chaidh a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann am Fìobha Diluain.

Bha Ràibeart MacGill'Fhaolain, à Baile Dhubhthaich, 65.

Bha e a' dràibheadh làraidh air an A92 eadar Crossgates is Cowdenbeath ann am Fìobha nuair a thachair an tubaist feasgar Diluain.

Chaidh an t-slighe dhan ear a dhùnadh grunn uairean a thìde fhad 'sa bha rannsachadh ga dhèanamh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh