Baile an àigh

Chan eil àite an Alba cho dòigheil ri Inbhir Nis, a-rèir sgrùdaidh.

Cuideachd, tha an rannsachadh a rinn an làrach thaighean Rightmove ag ràdh gur e prìomh bhaile na Gàidhealtachd an dàrna àite as dòigheile am Breatainn, às dèidh Harrogate ann an Yorkshire.

Bha an Eaglais Bhreac agus Cathair Chaladain anns an dàrna agus an treas àite airson Alba.

Cheisnich a' chompanaidh 50,000 duine.

Bha iad a' faighneachd nithean mar: an robh daoine pròiseil mun dachannan, am bu chaomh leotha an nàbannan agus an robh iad a' fàireachdainn sàbhailte.

B' e Taobh an Ear Lunnainn an t-àite bu mhì-dhòigheile am Breatainn.