Sgitheanaich is Inbhir Nis a-rithist

Eilean Bhòid Image copyright Neil G Paterson
Image caption Bhuannaich Eilean Bhòid Cupa a' Bhaile Mhòir ann an 2013

Tha Inbhir Nis a' seasamh eadar Camanachd an Eilein Sgitheanaich is àite sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhaile Mhòir.

Chaidh na sgiobaidhean a thaghadh còmhla aig oifisean Chomann na Camanachd madainn Dimàirt is Obar Dobhair gus cluich an aghaidh Bhaile a' Chaolais san iar chuairt dheireannaich eile.

Bidh na geamaichean ann Disathairne an 14mh den Òg-Mhìos agus a' chuairt dheireannach ann an Taigh an Uillt an 12mh den Iuchar.

Cha deach pàircean a thaghadh fhathast dhan iar chuairt dheireannaich ach chan ann air pàircean gin de sgiobaidhean fhèin a bhios na geamaichean.

Rinn na Sgitheanaich a' chùis 3-1 air Inbhir Nis ann am Plèit MhicThàmhais is 4-1 san lìog san dà gheama mu dheireadh aca is bidh iad an ìre mhath dòchasach gun tèid aca air a dhol troimhe dhan chuairt dheireannaich.

Bhuannaich sgioba an Eilein Cupa a' Bhaile Mhòir ann an 2008 is chaill iad air slaicean peanais sa chuairt dheireannaich an dà chuid ann an 1999 agus 2003.

Chan eil Inbhir Nis, Baile a' Chaolais no Obar Dobhair a-riamh air an fharpais a bhuannachadh.

Cupa an t-Sutharlanaich

Chaidh an taghadh a dhèanmh Dimairt cuideachd do Chupa an t-Sutharlanaich.

Tha an taghadh sin mar a leanas;

Caol Bhòid - Lochside Rovers

Loch Bhraoin - An Gearasdan

Ceann a' Ghiuthsaich - The Scots / A' Mhanachainn

Gleann Urchadain - Lòbhat

Bidh na geamaichean sin an 7mh den Òg-Mhios.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile