Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Atmhorachd

Bha àrdachadh ris na robh dùil ann an reit na h-atmhorachd agus an Clàr Ceannaich aig 1.8% sa Ghiblean. Bha an ìre ron a sin - aig 1.6% - aig an ire as ìosaile ann an ceithir bliadhna ach tha cosgaisean còmhdhail nas àirde am measg na thug buaidh air sin.

Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba

Bidh deasbad aig Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba an diugh mu neo-eisimeileachd na h-Alba. Bidh an Diadhaire Doug Gay a' bruidhinn airson neo-eisimeileachd agus am ball pàrlamaid Làbarach, Dùghlas Alexander, a' cur na h-argamaid na aghaidh le cothrom aig coimiseanairean na h-eaglais am beachd a chur an dèidh làimhe. Cha bhi bhòt fhoirmeal ann ge-tà oir thuirt an eaglais nach eil iad a' gabhail taobh seach taobh anns an deasbad.

Tubaist

Chaidh ministear à Leòdhas a mharbhadh ann an Dùn Èideann an-dè. Bha an t-Urramach Thomas Mac na Ceardaich, a bha 76, anns a' bhaile aig Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba. Bhual càr ann faisg air stèisean rèidhle Waverley. Bha Mgr Mac na Ceardaich na mhinistear iomadh bliadhna air Eaglais Martins Memorial ann an Steòrnabhagh gus an do leig e dheth a dhreuchd an sin bho chion beagan bhliadhnaichean. Bha e na chlàrc air Clèir Leòdhais de dh'Eaglais na h-Alba.

Abu Hamza

Thuirt luchd-lagha do Abu Hamza gum bi iad a' tagradh an aghaidh dìteadh fo chasaidean ceannairc. Fhuair diùraidh ann an New York an clèireach raidigeach ciontach fo chasaid gun robh gnotach aige ri plana airson luchd-turais a chur am bruid ann an Yemen agus campa trèanaidh ceannairceach a stèidheachadh ann an Oregon. Tha dà bhliadhna ann bho thug na Stàitean Aonaichte Abu Hamza a-mach à Breatainn airson a thoirt gu lagh. Tha e coltach gum faodadh binn beatha sa phrìosan a dhol air.

Marks and Spencer

Dh'innis Marks and Spencer gun do thuit am prothaid airson na treas bliadhna ann an sreath. Bha prothaid bhunaiteach na buidhne an-uiridh, ro chìsean, sìos 3.9% gu £623m. Dh'aidich an t-àrd-oifigeach, Mark Bolland, gu bheil iad gu math air dheireadh air an ìre a dh'iarradh iad.

Cìs an t-Seòmair Chadail

Tha Comataidh nan Cùisean Albannach ann an Westminster ag iarraidh co-obrachadh eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba airson dèiligeadh ri buaidh còs nan seòmraichean leapa ann an Alba. Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an diugh, tha a' chomataidh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba faochadh ann an sochairean taigheadais a chleachadh cho luath sa ghabhas mu choinneimh buaidh na cìse.