Ministear air bàsachadh an tubaist

An t-Urramach Thomas Mac na Ceardaich Image copyright Eaglais na h-Alba
Image caption Bha an t-Urramach Thomas Mac na Ceardaich bliadhnaichean mòra stèidhichte ann an Leòdhas.

Chaidh ministear a bha bliadhnaichean mòra stèidhichte ann an Leòdhas a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann an Dùn Èideann.

Bha an t-Urramach Thomas Mac na Ceardaich, a bha 76, anns a' bhaile aig Àrd Sheanadh Eaglais na h-Alba.

Bhual càr ann faisg air steisean rèidhle Waverley feasgar Diluain.

Bha Mgr Mac na Ceardaich, a bhoinneadh do Ghlaschu bho thùs, na mhinistear fad iomadh bliadhna air Eaglais Chuimneachaidh Mhàrtainn ann an Steòrnabhagh.

Bha e cuideachd na chlarc air Clèir Leòdhais de dh'Eaglais na h-Alba fad còrr is 30 bliadhna.

Rinn modarator Eaglais na h-Alba, an t-Urrmach Iain Chalmers, luaidh air Maighstir Mac na Ceardaich.

"Buille chruaidh"

"S e buille chruaidh a bha seo dhan Àrd-Sheanadh", thuirt e.

"Bha meas cho mòr aig Tom air Eaglais na h-Alba agus air an Àrd-Sheanadh.

"Tha sinne ga chaoidh 's tha sinn a' cur a bhean 's a theaghlach fo chùram luchd a' chreidimh agus a' guidhe gràs Dhè dhaibh.

"S e buille uabhasach a tha seo dha bhean agus a theaghlach agus do Chlèir Leòdhais far an robh e fhathast na chlarc", thuirt e.

Tha Mgr Mac na Ceardaich a' fàgail banntrach, Pam, agus mac, Jonathan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile