Plana airson taigh-grùdaidh ùr an Inbhir Nis

Deilbh dhen phlana Image copyright Colin Armstrong Associates
Image caption Tha plana ann airson taigh-grùdaidh agus ionad-tadhail a thogail an cois Abhainn Nis

Tha plana ann gus taigh-grùdaidh agus ionad-tadhail a thogail an cois na h-aibhne an Inbhir Nis.

Ma gheibh e cead, dheigheadh a thogail air talamh eadar 8 agus 10 Bruach Nis an ath-bhliadhna.

'S e Jon agus Victoria Eramus, a th' air a bhith a' ruith Taigh-òsta a' Ghlinne Mhòir agus Apartments at Ness Bank bho 2006, a th' air cùlaibh a' phlana.

Thuirt iad gun deigheadh leann ùr Gàidhealach a dhèanamh le uimheamachd às a' Ghearmailt agus grìtheidean Albannach.

Bhiodh bùth agus gaileiridh ealain anns an ionad-tadhail.

Thuirt an teaghlach Eramus gum faodadh a' phròiseict suas ri 12 cosnadh a chruthachadh.