Seirbheis-adhair ùr do dh'Eilean a' Cheò

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tha a' chompanaidh Plèanaichean-mara Loch Laomainn, a bhios a' ruith nan seirbheisean, ag ràdh gu bheil mòran dhaoine air ùidh a nochdadh annta mar-thà.

Gheibh luchd-turais a-nis cothrom an t-Eilean Sgitheanach air fad fhaicinn taobh a-staigh uair de thìde ann am plèana.

'S e plèana-mara a th' innte, ach laighidh i air tìr cuideachd.

Diluain, b' ann à Loch Phort Rìgh a dh'fhalbh Hamish Friseal agus an triùir chomhairlichean Sgitheanach eile airson cuairt - a' toirt cothrom dhaibh an t-eilean fhaicinn bho shealladh gu tur ùr.

Ach cha b' e dìreach splaoid a bh' ann dha na comhairlichean.

Ùidh

Tha a' chompanaidh Plèanaichean-mara Loch Laomainn, a bhios a' ruith nan seirbheisean, ag ràdh gu bheil mòran dhaoine air ùidh a nochdadh annta mar-thà.

Leigidh na cuairtean le luchd-turais na seallaidhean as brèagha air an eilean fhaicinn bhon adhair.

A thuilleadh air a bhith a' laighe air Loch Phort Rìgh, bidh na h-itealain cuideachd a' cleachdadh raoin-laighe an Aiseig, ann an ceann a deas an eilein.

Tha dòchas gun toir na tha a' chompanaidh a' dèanamh spionnadh dhan iomairt airson seirbheisean coimhearsalta ath-stèidheachadh an seo - amas a tha a' faighinn taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Comas

Thuirt an Comh. Hamish Friseal: "Tha sinn air a bhith a' toirt taic dhan sgeama a tha seo airson iomadach bliadhna a-nis.

Image caption Bidh na h-itealain cuideachd a' cleachdadh raoin-laighe an Aiseig, ann an ceann a deas an eilein.

"Tha sin a-nise gu math toilichte gu bheil seo a' tachairt. Tha e a' toirt dhuinn sealladh air dè a dh'fhaodadh daoine a bhith a' dèanamh," thuirt e.

Tha a' Chomhairle den bheachd gun dèanadh mòran dhaoine - leithid luchd-gnìomhachais, luchd-turais agus muinntir an eilein - feum de sheirbheis itealain choimearsalta.

Thuirt Mgr Friseal gu bheil còmhraidhean air a bhith a' dol leis an Riaghaltas, am measg eile, airson grunn bhliadhnaichean agus, aig an ìre seo, nach eil gnothaichean a' coimhead ro shoilleir.

"Bidh sinn an dòchas, ma chumas sinn cuideam agus smachd air an iarrtas a th' againn ann an seo, gun cùm sinn ceann a' mhaide riutha airson a bhith cinnteach gum faic iad luach ann a bhith a' tighinn dhan Eilean Sgitheanach," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile